|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Stiùirichean ùra don Ioman
|
||||||||||||||||||||||
Chaidh dithis stiùirichean ùra fhastadh do bhòrd Chomann na Camanachd.
'S e Jim Barr Stiùiriche ùr an Ionmhais le Graeme Mac a' Mhaolain ag gabhail obair Stiùiriche Òigridh. Thuirt ceann-suidhe a' Chomainn, Donnchadh Camshron, gun robh eòlas farsaing aig an dithis agus gun robh e misneachail gun cuireadh iad gu mòr ri obair a' bhùird. Bidh an Comann an dòchas gum bi cùisean nas rèidhe taobh a-staigh a' bhùird an dèidh mhìosan de dh'ùpraid nuair a dh'fhàg grunn stiùirichean. Eòlas Farsaing Tha Mgr Barr na chathraiche air Cluba Iomain Ghlinn Urchadain. Chluich e dhan chluba agus do sgioba Oilthigh Obar Dheathain. Bha Mgr Barr cuideachd na chathraiche air Urras Coille Obar Itheachain agus tha e air a bhith ag obair ann an gnìomhachas na h-ola. Thar nan 28 bliadhna mu dheireadh tha Mgr Mac a' Mhaoilein air a bhith an sàs ann an ioman aig ìre òigridh, anns a' Ghearasdan, Inbhir Lòchaidh, Fìobha agus Inbhir Nis. Trioblaidean a' Bhùird As t-earrach am bliadhna, cha robh coltas ro mhath air cùisean aig a' bhòrd. Aig aon àm cha robh ach triùir stiùirichean ann an dèidh do chòignear fhàgail. A thuilleadh air sin dh'fhàg an t-àrd-oifigear, Gill Dhòmhnallach. Thuirt ise gun robh i a' fàgail 's i airson rudan eile a dhèanamh. Ach bha feadhainn a' coireachadh dhòighean stiùiridh a' bhùird. Chuir cuid as leth a' chinn-suidhe, Donnchadh Camshron, gun robh e a' ruith a' Chomainn mar dhictàtor. Chaidh Mgr Camshron às àicheadh sin gu tur, ag ràdh gun robh co-dhùnaidhean gan dèanamh le mòr-chuid a' bhùird. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Iomain Gàidhlig is Gaeilge ann an Èirinn08 An Dàmhair, 2008 | Naidheachdan
Droch staid phàirce iomain a' Ghearsadain 27 Am Màrt, 2008 | Naidheachdan
Cùrsa ùr gus rèitearan a thàladh dhan iomain19 An Gearran, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||