BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 02 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:47 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach cḷ-bhualaidh
Dion air soidhnichean dà chànanach na Gàidhealtachd
 
Soidhne dà chànanach
Soidhne dà chànanach air a' Ghàidhealtachd
Tha Cathraiche Bḥrd na Gàidhlig, Art MacCarmaig, a' sgŕobhadh gu meur na Gàidhealtachd dhen aonadh UNISON, a togail cheistean mun t-seasamh aca air soidhnichean dà chànanach sa sǵre.

Thuirt an t-aonadh an-dè gun robh c̣ir aig C̣mhairle na Gàidhealtachd cùl a chur ri polasaidhean "PC" mar seo, 's aca ri tŕ fichead millean not a shàbhaladh.

A-rèir Shane Manning bho mheur Ghàidhealaich an aonaidh, tha mandat aca bho na buill, a bhi a' cur an aghaidh shoidhnichean dà chànanach anns an sǵre.

Se eisimpleir a th'ann an soidhnichean dà chànanach, thuirt e, de roinn far an gabhadh airgead a shàbhaladh leis a' Cḥmhairle.

Ach, tha ceist air Mghr MacCarmaig gu dè am mandat a th'aig an aonadh, 's tha e air sgŕobhadh gu Mghr Manning feuch soillearachadh fhaighinn.

A' Cḥmhairle

Tha Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig air Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal, air a bhi a' dion seasamh na Comhairle air soidhnichean dà chànanach.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt an Comhairliche Friseal gu bheil ṃran dhen airgead a tha ga chosg air soidhnichean Gàidhlig a' tighinn bhon Riaghaltas tro Bḥrd na Gàidhlig 's gu bheil an t-airgead sin air a' dhion.

Dhaingnich e a-rithist cuideachd nach eil soidhne dà chànanach ga chur an-sàs idir, gus a bheil seann shoidhnichean gan ùrachadh co-dhiù, a' ciallachadh nach eil iad a' cosg uidhear a bharrachd.

Dhearbh labhraiche bho Bḥrd na Gàidhlig ri BBC Alba an-diugh gu bheil iad air £80 ḿle not a thoirt don Cḥmhairle sna tŕ bliadhna a dh'fhalbh ma choinneamh soidhnichean dà chànanach.

Thuirt an labhraiche gu robh a' Chomhairle chun a seo air £11,600 not dhen a sin a chosg air 170 soidhne bho chàidh am Plana Gàidhlig aca a chur an-sàs anns a' Chèitean an uiridh.

Plana Cànain

Tha a' Chomhairle cuideachd an-dràsta a' dèanamh atharrachaidhean air a' Phlana Gàidhlig aca a thaobh soidhnichean dà chànanach.

Chur iad na h-atharrachaidhean gu Ḅrd na Gàidhlig, 's nam measg tha beachd nach bu cḥir soidhne dà chànanach a chur an-sàs idir mur a h-eil e follaiseach gu bheil f́or ainm Ghàidhlig ri chur air an soidhne.

Gheibh coimhearsnachdan cuideachd cothrom fo na h-atharrachaidhean, beachd a thoirt air na soidhnichean anns na sǵrean aca fhèin.

Chaidh Mghr Friseal às àicheadh, ge ta, gu bheil seo a' freagairt air iarrtas a rinn UNISON bho chionn beagan mhiosan.

"Tha daoine a' togail rudan a-mach as dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, airson a chur na beachdan aca fhèin air adhart.

Rud a thuirt sinne, gu bheil ḍigh ann do choimhearsnachdan a choimhead air soidhnichean air sraidean; tha soidhnichean air na rathaidean a' fuireach mar a tha iad - tha sin gu math soilleir anns a' phlana," thuirt Mghr Friseal.

Feumaidh Ḅrd na Gàidhlig sgrùdadh a dhèanamh air na h-atharrachaidhean a thug a' Chomhairle air a' phlana aca.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Unison a' càineadh shoidhnichean dà-chànanach
01 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-ĺn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach cḷ-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy