BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 01 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 15:46 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Rabhadh mu uisge Chinn Loch Bhiorbhaigh
 
Uisge a' sruthadh à tap
Tha an aimsir bhlàth air buaidh a thoirt air an uisge
Tha Uisge na h-Alba ag iarraidh air muinntir Chinn Loch Biorbhaigh an t-uisge aca a ghoil mus cleachd iad e.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil an aimsir thioram, bhlàth a th' air a bhith ann, air buaidh a thoirt air an uisge san loch a tha a' frithealadh na sgìre.

Dh'aontaich a' bhuidheann agus NHS na Gàidhealtachd rabhadh a thoirt seachad mu dheidhinn.

Tha an rabhadh sin ag ràdh gum bu chòir uisge a ghoil mus nighear soithichean no uidheamachd eile, mus deasaichear biadh, airson fiaclan a ghlanadh, no airson òl.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy