|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Unison a' càineadh shoidhnichean dà-chànanach
|
||||||||||||||||||||||
Tha an t-aonadh-ciùird Unison air poileasaidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd a chàineadh.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir dhan Chomhairle sguir de dh'iomairtean "PC" leithid soidhnichean-rathaid dà-chànanach, an àite a bhith a' maoidheadh obraichean a ghearradh. Dh'innis a' Chomhairle gum feumte £60m a ghearradh far buidseit an ùghdarrais thar an ath thrì bliadhna. Tha a' Chomhairle mar thà air atharrachadh a thoirt air a' phlana Ghàidhlig aca, a thaobh mar a tha e a' buntainn ri soidhnichean. Fo-Chomataidh Tha Unison ge-tà, ag ràdh gur e soidhnichean dà-chànanach aon de na raointean far am b'urrainnear airgead a chùmhnadh. "Tha ùghdarras aig Unison bhon bhallrachd, cuir an aghaidh shoidhnichean dà-chànanach," thuirt labhraiche Unison, Shane Manning. "'S dòcha nach e uiread sin de dh'airgead a th' ann, ach 's e aon eisimpleir far an gabhadh airgead a chùmhnadh agus rudan nas cudromaiche ann air an cosgte an airgid," thuirt e. Chuireadh na h-atharrachaidhean a thug a' Chomhairle air a' phlana Ghàidhlig gu Bòrd na Gàidhlig ach an dèan iadsan sgrùdadh orra. Am measg eile, tha iad ag ràdh nach tèid soidhnichean-rathaid dà-chànanach a chur an sàs idir mur a h-eil ainm Gàidhlig ceart ann airson an àite sin seach gu bheil soidhne dà-chànanach ciallach a-mhainn ma tha ainm Gàidhlig agus taobh Bheurla air an ainm. Tha am Plana, mar a tha e an-dràsta, ag ràdh gum bu chòir soidhne dà-chànanach a chur an sàs nuair a dh'fheumas seann soidhnichean a thoirt a-nuas. B' e Plana Gàidhlig na Comhairle a' chiad fhear ann an Alba ris an do chur an Riaghaltas taic oifigeil anns a' Chèitean 2008. Tha a' Chomhairle cuideachd a' dol a stèidheachadh fo-chomataidh ùir gus eas-aonta sam bith mu na h-ainmean Gàidhlig ceart a rèiteach. Gallaibh 'S e comataidh thar-phartaidh a bhios an seo, le triùir bhall bho Chomataidh Ghàidhlig na Comhairle. Fon phlana, tha a' Chomhairle a' co-dhùnadh air na h-ainmean tro chòmhraidhean leis a' bhuidhinn Ainmean Àite na h-Alba (AAA). San dreach ùr ge-tà, tha iad a' dèanamh soilleir gur e a-mhàinn beachd a gheibh iad bhon bhuidhinn sin, 's nach bi iad ga ghabhail mar chomhairle dheimhinte. Chan eil am plana a th' ann, tha iad ag ràdh, soilleir gu leòr air soidhnichean, 's tha iad mar sin a' dol a leigeil le daoine beachdan a thoirt air co-dhiù tha e iomchaidh Gàidhlig a chleachdadh air soidhnichean ùra. Tha a' Chomhairle ag ràdh gun cuir iad cuideam tron phròiseas sin, air Gàidhlig a bhith air na soidhnichean. Tha Comhairlichean ann an sgìre Ghallaibh air a bhith ag iarraidh bho chionn fhada nach tèid soidhnichean dà-chànanach a chur an sàs san sgìre. Thog iadsan ceistean mòra mu dhualchas Ghàidhlig na sgìre, 's iad a' cumail a-mach nach eil dàimh sam bith anns an àite ris a' chànan. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||