|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Taigh-bainne ùr gu bhith ann an Ceann Tìre
|
||||||||||||||||||||||
Tha planaichean air am foillseachadh airson taigh-bainne ùr a thogail ann an Cinn Tìre, le mu 100 cosnadh gan cruthachadh.
Tha a' chompanaidh First Milk, leis a bheil an taigh-bainne a th' ann mar thà, air aontachadh sin a reic ri Tesco, a thogas bùth ùr air an làraich, ann an Ceann Loch Cille Chiarain. Thèid 200 cosnadh ùra a chruthachadh an sin, a bharrachd air mu 90 a tha ag obair do Thesco san sgìre mar thà. Gheibh First Milk cuideachd taic-airgid £3.9m bhon Riaghaltas Albannach airson taigh-bainne ùr a thogail air làraich eile, leis an 33 obraichean a th' ann gan glèidheadh. Uile gu lèir, eadar na gheibh First Milk bho Thesco, na chuireas iad fhèin a-steach, agus an taic-airgid, theid £13m a chur a-steach dhan taigh-bhainne ùr. Tha an leasachadh seo a' toirt barrachd sheasmhachd do mu 40 thuathanach bainne san sgìre, a bhios a' reic an cuid bhainne do First Milk. Tha 95 duine ag obair air na tuathanasan sin, agus mòran dhaoine òga nam measg. A' foillseachadh na naidheachd, thuirt Ministear nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, gun robh an leasachadh a' daigneachadh na tha ri teachd dhaibhsan. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||