BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 30 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 09:15 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Iomairt Shlèiteach gun taic chomhairlichean
 
Àrd-Sgoil Phort Rìgh
Tha mu uair de thìde eadar Slèite agus Port Rìgh
Cha chuir comhairlichean Sgitheanach cùl-taic ri iomairt ann an Slèite airson àiteachan ostail fhaighinn air ais so sgoilearan na sgìre a tha a' dol gu Àrd-Sgoil Phort Rìgh.

Chaidh co-dhùnadh ann an 2006 cuir às do na h-àiteachan ostail a bha fosgailte do chloinn a bha a' fuireach nas fhaide tuath na Fearann Dòmhnaill.

Dh'innis comhairlichean do phàrantan aig coinneimh phoblaich oidhche Luain gun robh an co-dhùnadh a rinneadh bho chionn trì bliadhna ceart, agus nach robh ùidh taobh a-staigh na comhairle airson sin atharrachadh.

Tha naoidhnear sgoilear a' crìochnachadh ann am Bun-Sgoil Shlèite am bliadhna, agus a' dèanamh air Port Rìgh airson na h-Àrd-Sgoile.

Caol Acainn

Bidh còignear dhiubh a' faighinn àite anns an ostail tron t-seachdain, ach leis gu bheil an ceithrear eile a' fuireach gu tuath air Fearann Dòmhnaill, thèid aca ri shiubhal eadar an dachannan is Port Rìgh gach là air a' bhus.

Bheir an turas sin mu uair de thìde.

"Thàinig sinn gu co-dhùnadh ann an 2006 mu seo," thuirt an Comh. Hamish Friseal.

"Bha dùil agam gun robh an loidhne rud beag na b'fhaisge air an Ath Leathann na tha e, ach sin agad mar a tha e, is mar sin chan urrainn dhuinne atharrachadh sam bith a dhèanamh air a' phoileasaidh a th' againne.

"Nan dèanamaid atharrachadh sam bith air a' phoileasaidh sin, bhiodh feadhainn òg ann an sgìrean eile, leithid Chaol Acainn, a' gabhail iongnaidh carson nach fhaigheadh iadsan an aon sheòrsa dòigh a bhith a' dol dhan sgoil," thuirt e.

 Tha sinne a' faireachdainn gu bheil a' chlann gu bhith a' call a-mach air mòran chùisean
 
Clair NicNeacail

Ach tha pàrantan Shlèite a' cur an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin, ged nach eil an iomairt aca a' faighinn taic bho Oifigear Foghlaim na sgìre, Lawrence Young, no gin de na comhairlichean.

"Tha sinn a' faireachdainn gu bheil a' Chomhairle air a bhith gu math dùinte dhuinn," thuirt tè de na pàrantan, Clair NicNeacail.

"Ged a tha iad ag ràdh gu bheil iad a' mìneachadh carson a thug iad an co-dhùnadh sin, chan eil sinn dha-rìribh ga thuigsinn.

"Tha iadsan a' dèanamh mòran a thaobh chùisean siubhail, ach tha barrachd air sin.

"Tha sinne a' faireachdainn gu bheil a' chlann gu bhith a' call a-mach air mòran chùisean.

"Tha tòrr taic againn sa choimhearsnachd, agus bho na Buill Phàrlamaid agus eile againne, agus tha sinn a' faireachdainn nach eil an doras dùinte fhathast.

"'S dòcha gum bi sinn a' bruidhinn mu dheidhinn ceistean a thogail sa Phàrlamaid," thuirt i.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy