|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Ban-rìgh a' tadhal air àraich Chùil Lodair
|
||||||||||||||||||||||
'S i a' Bhan-rìgh a' chiad mhonarc Breatannach a th' air tadhal air àraich Chùil Lodair.
Thadhail i air an làraich madainn Diluain, agus chaidh a toirt air cuairt timcheall an ionaid thurasachd ùir. B' e Cùil Lodair an cath mu dheireadh a chaidh a chur an aghaidh Arm Bhreatainn taobh a-staigh na dùthcha. Chaidh a chur air 16mh an Giblean 1746, eadar feachdan nan Seumasach fo stiùir a' Phrionnsa Teàrlaich, agus feachdan an Riaghaltais fo Uilleam, Diùc Chumberland. Chaidh an là leis an Riaghaltas, agus as a dhèidh chaidh siostam sòisealta nam fineachan air a' Ghàidhealtachd a thoirt às a chèile. Chan eil am blàr a' nochdadh air liosta urraim rèiseamaid sam bith san Arm Bhreatannach, ri linn dol-a-mach nan saighdearan as dèidh a' chatha. Pròiseact Mòr B' e ar-a-mach Bliadhna Theàrlaich (1745-6) an iomairt mu dheireadh gus crùn na Breatainne a chosnadh le neart armachd. "Bu chòir an turas seo fhaicinn mar urram dhan a h-uile duine a bhàsaich sa chath, agus as a dhèidh," thuirt an Dr. Tony Pollard, bho Oilthigh Ghlaschu.
Chaidh a' Bhan-rìgh a Ghleann Dotha feasgar, a dh'fhosgladh an ionaid hydro ùir, faisg air Cille Chuimein. Tha an t-ionad ùr comasach air suas ri 100 Megawatt de dhealan a chruthachadh, gu leòr airson 250,000 dachaigh. 'S e Gleann Dotha a' chiad phròiseact mòr hydro ann an Alba bho 1957. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||