BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 29 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 09:59 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Coinneamh mu cho-dhùnadh an Àrd-Sheanaidh
 
Suaicheantas Eaglais na h-Alba
Chuir an Eaglais moritorium dà bhliadhna air a' ghnothach
Coinnichidh ceannardan choithionalan soisgeulach ann an Eaglais na h-Alba oidhche Luain gus bruidhinn mu na nì iad mu cho-dhùnadh an Àrd-Sheanaidh mu mhinistearan gèidh.

Thèid a' choinneamh, nach bi fosgailte don phobal, a chumail ann an Eaglais Chinn a' Mhillidh ann an Inbhir Nis.

Tha dùil ri còrr is 100 ministear is èildear bho air feadh na h-Alba aig a' choinneimh.

Cho-dhùin Eaglais na h-Alba aig an Àrd-Sheanadh leigeil le ministear gèidh pòsadh ri coithional ann an Obar Dheathain.

Chuir Eaglais na h-Alba casg air ministearan bho bhith a' bruidhinn gu poblach mu mhinistearan gèidh fad dà bhliadhna.

Tha cuid de mhinistearan mì-thoilichte leis mar a chaidh dèiligeadh ris a' chùis aig an Àrd-Sheanadh.

Bho thàinig co-dhùnadh an Àrd-Sheanaidh a-mach, tha ministearan air a ràdh nach biodh iad deònach an eaglais fhàgail gun a bhith air bruidhinn ri càch mun ghnothach an toiseach.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dùil ri co-dhùnadh Clèir an Eilein Sgitheanaich
04 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Nì coimisean sgrùdadh air ceist mhinistearan gèidh
26 An Cèitean, 2009 | Naidheachdan
Deasbad a' leantainn mu Mhinistearan gèidh
25 An Cèitean, 2009 | Naidheachdan
Connspaid mhòr mu choinneamh Eaglais na h-Alba
21 An Cèitean, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy