|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Co-chomhairleachadh QinetiQ ga leudachadh
|
||||||||||||||||||||||
Thèid am pròiseas co-chomhairleachaidh mu bhith a' dùnadh raoin nan rocaidean ann an Uibhist a' leudachadh coig latha deug
chun an fhicheadamh là dhen Lunastal.
Dh'iarr a' bhuidhean-gniomh a chaidh a stèidheachadh a dh'aona ghnothaich an aghaidh gearradh cosnaidh aig ionadan QinetiQ ann an Uibhist, air an MoD barrachd ùine a thoirt dhaibh son beachdachadh air a' chùis. Tha a' bhuidhean dòchasach gun tèid aca air na h-obraichean air fad a ghlèidheadh, 's iad dol a thoirt sùil gheur air cosgaisean QinetiQ agus gu h-àraid air mar a tha an MoD ag ràdh gum b'urrain dhaibh airgead a chùmhnadh. Ann an litir gu ball nàiseantach nan Eilean, Alasdair Allan, thuirt Ministear an Dion, Quentin Davies gun robh e deònach am pròiseas a leudachadh, ach gum bu chòir smaointinn air dòighean eile a-mach às an t-suidheachadh seo a bharrachd air a bhith a' glèidheadh na cosnaidhean-sa mar a tha iad. Rinn Mgr Davies soilleir san litir, gur e co-dhunadh duilich a bha seo dhaibh, ach gun robh na sàbhalaidhean cudhtromach aig an àm-sa. Thuirt Mghr Allan gu robh iomairt mhòr air thoiseach air a' choimhearsnachd, ach gur e toiseach tòiseachaidh a bh'ann, barrachd ùine fhaighinn son beachdachadh air an t-slighe air adhart agus argamaidean nas làidire a chur mu choinneamh an MoD son na cosnaidhean a dhion. Tha buill bho Chomhairle nan Eilean Siar, HIE, Stòras Uibhist agus buill-pàrlamaid à Holyrood agus Lunnainn air a' bhuidhean-gniomh. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Buidheann ghnìomha gus coinneachadh Diciadain19 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Strì raon nan rocaidean a' tòiseachadh18 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
125 cosnaidhean a' falbh ann an Uibhist17 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Strì mhòr a dhìth mu raon nan rocaidean16 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu 120 cosnadh aig Raon nan Rocaidean15 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||