BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 24 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 09:59 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Buidheann-gniomh a' stri gus obraichean a ghleidheadh
 
Rocaid ga losgadh
Caillear 125 cosnaidhean fo na planaichean
Choinnich a' buidheann-gnìomh a tha a' cur an aghaidh ghearraidhean aig raon nan rocaidean ann an Uibhist airson a' chiad uair Diciadain.

Chaidh plana-gniomh a chur air chois aig a' choinneimh le molaidhean air mar a bu chòir a dhol air adhart san iomairt.

'S e fear de na prìomh amasan a bhios aig a' bhuidheann toirt air an Riaghaltas an greis co-chomhairleachaidh 30 latha a chaidh a chur air chois a leudachadh.

Bheireadh seo cothrom nas fhèarr don bhuidheann cùis seasmhach a steidheachadh an aghaidh na planaichean gus cosnaidhean a ghearradh.

Thathas cuideachd a' moladh gun tèid rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh an raon a chumail agus mun bhuaidh a bhiodh aige air a' choimhearsnachd nan dùnadh e.

A' bhuidheann-ghniomh

Tha buill bho Chomhairle nan Eilean Siar, HIE, Stòras Uibhist agus buill-pàrlamaid à Holyrood agus Lunnainn air a' bhuidhinn.

Tha iad a' cur an aghaidh co-dhùnaidh Mhinistreachd an Dìon (MOD) 125 cosnaidhean a ghearradh aig an raon, agus iad a' feuchainn ri £50m a chùmhnadh ro 2028.

Bidh a' bhuidheann a' feuchainn ri co-obrachadh a bhrosnachadh gus obraichean a ghleidheadh ann an Uibhist.

Tha co-chomhairleachadh fhathast a' dol mu na planaichean cuideachd.

Dheadh na h-obraichean a chall thairis air trì no ceithir bliadhna.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Strì raon nan rocaidean a' tòiseachadh
18 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
125 cosnaidhean a' falbh ann an Uibhist
17 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu inbhe Hiort ri linn ghearraidhean airm
18 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Strì mhòr a dhìth mu raon nan rocaidean
16 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu 120 cosnadh aig Raon nan Rocaidean
15 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy