BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 19 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:10 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Buidheann ghnìomha gus coinneachadh Diciadain
 
Ionad radar Ruaidheabhal
Caillear 125 cosnaidhean fo na planaichean
Thèid a' chiad choinneamh de bhuidhinn ghnìomha a tha a' cur an aghaidh ghearraidhean aig raon nan rocaidean ann an Uibhist a chumail Diciadain (24/06).

Tha buill bho Chomhairle nan Eilean Siar, HIE, Stòras Uibhist agus buill phàrlamaid à Holyrood agus Lunnainn air a' bhuidhinn.

Tha iad a' cur an aghaidh co-dhùnaidh Mhinistreachd an Dìon (MOD) 125 cosnaidhean a ghearradh aig an raon, agus iad a' feuchainn ri £50m a chùmhnadh ro 2028.

Dheadh na h-obraichean a chall thairis air trì no ceithir bliadhna.

Buaireadh

Chaidh oidhirp a dhèanamh sa Chomhairle oidhche Ardaoin ris am ball Làbarach, agus tagraiche Làbarach nan Eilean Siar airson an ath thaghaidh choitchinn, Dòmhnall Iain MacSuain, a chur far na buidhne gnìomha.

Cha do shoirbhich leotha, agus 27 buill a' bhòtadh an aghaidh an triùir chomhairlichean nàiseantach a rinn am moladh.

"Chanainnsa gun tig sin sìos gu rud gu math pearsanta, rud nach fhaca mise sa Chomhairle a tha seo bho chionn iomadach bliadhna, 's a tha mi an dòchas nach fhaic a chaoidh tuilleadh," thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Ailig Dòmhnallach.

"Nuair a tha sinn a' gabhail oirnn a bhith nar comhairlichean, tha sinn a' feuchainn ri riochdachadh nan Eileanan air fad, 's chan e dìreach na sgìre againn fhèin," thuirt e.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Strì raon nan rocaidean a' tòiseachadh
18 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
125 cosnaidhean a' falbh ann an Uibhist
17 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu inbhe Hiort ri linn ghearraidhean airm
18 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Strì mhòr a dhìth mu raon nan rocaidean
16 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu 120 cosnadh aig Raon nan Rocaidean
15 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy