BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 18 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 11:30 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Dragh mu inbhe Hiort ri linn ghearraidhean airm
 
Hiort
Tha an t-arm gu mòr an-sàs ann an Hiort
Tha Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS) a' toirt rabhaidh gum faodadh dualchas luachmhor Hiort a bhith ann an cunnart ma tharraingeas an MOD a-mach às.

Mar phàirt de phlana a dh'fhoillisch an MOD Diciadain airson cosgaisean a shàbhaladh, tha iad am beachd an luchd-obrach uile a tharraing às, 's an ionad radar a th' ann obrachadh à àite eile.

Ach, tha an NTS, leis a bheil na h-Eileanan, ag ràdh gu bheil luchd-obrach an MOD air an eilean cudromach dhan àrainneachd ann.

Thuirt Ministreachd an Dìon gun dèan iad an dìcheal cron sam bith a thig às a bhith a' gluasad an luchd-obrach, a lùghdachadh.

A rèir an NTS, tha obraichean an MOD a' cumail an eilein tèarrainte, agus a' cumail sùil gheur air rudan a dh'fhaodadh a bhith nan cunnart do dh'àrainneachd an àite.

Inbhe

Tha adhbhar eaconamach cuideachd ga chur air adhart airson luchd-obrach an airm a chumail air Hiort.

Sin gu bheil iadsan a' cuideachadh gu mòr le cosgaisean siubhail dha na h-eileanan a tha 41 mìle a-muigh bho na h-Eileanan an Iar.

Tha Hiort am measg dòrlach de dh'àitean air feadh an t-saoghail air an do bhuilich UNESCO inbhe airson dualchais agus nàdair.

As aonais an taic a tha iad a' faighinn bhon MOD agus QinetiQ, a tha a' ruith an ionaid, tha an t-Urras ag ràdh gum faodadh inbhe nan eilean a bhith ann an cunnart.

'S ann bhon stèisean radar air Hiort a tha urchairean agus rocaidean a thèid a losgadh bho na h-ionadan ann an Uibhist, gan sgrùdadh.

Gearraidhean

Dhearbh an MOD gu bheil iad a' dol a dhùnadh ionaid Ghèirinis ann an Uibhist a' Deas 's a' dol a ghearradh air ais gu mòr air ionad Bheinn nam Fadhla.

Eadar sin, 's a bhith a' tarraing luchd-obrach à Hiort, caillidh 125 duine an cosnadh thar cheithir bliadhna.

Thathas ag amas air leth-cheud millean not a chùmhnadh, 's mòran dhen obair gu bhith air a dhèanamh bho Aberporth anns a' Chuimrigh.

Ge-tà, tha Urras Nàiseanta na h-Alba iad fhèin a' coimhead ri airgead a shàbhaladh an-dràsta, 's iadsan mu thràth air cùl a chur ri cuid dhe na làraichean aca fhèin.

"Gun taic bhon MOD agus am bun-structar a th' aca [ann an Hiort], chan eil teagamh nach biodh e gu math doirbh dhuinne uidhir de chùram 's de thaic a thoirt dhan àite, 's a tha a dhìth.

"Thigeadh cosgaisean mòra a bharrachd oirnn an obair againn ann a chumail a' dol, agus a bhith a' dèiligeadh ri seann toglaichean an MOD.

"Aig àm far a bheil sinne sinn fhèin a' feuchainn ris an t-suidheachadh ionmhais againn a leasachadh, 's i cosgais a tha seo a bhios gu math doirbh a ghiùlain," thuirt Àrd-Stiùiriche NTS, Kate Mavor.

Dh'iarr a' Bh.Ph. Mavor air an MOD beachdachadh gu math mionaideach air a' bhuaidh a dh'fhaodadh am plana aca a thoirt air Hiort mus tig iad gu co-dhùnadh deireanach sam bith.

Tha an MOD a' dol a thoirt 30 là obrach do dhaoine beachdan a chur an cèill mu na planaichean aca uile ann an Uibhist agus Hiort.

Gheall iad obrachadh gu dlùth leis an NTS, agus cuideachd le SNH, mu na planaichean aca airson Hiort.

Fhad 's a bhios tòrr aire air a bhith a' sàbhaladh chosnaidhean, bidh mòran a' coimhead cuideachd ri bhith a' cur dìon air fear de na h-àitean as prìseile a th' anns an t-saoghal.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy