BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 17 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:55 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
HIE gun fhios dè tha san amharc aig QinetiQ
 
Ionad radar Ruaidheabhal
Tha eagal gun tèid còrr is 120 cosnadh a chall
Tha a' bhuidheann leasachaidh Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean (HIE) ag ràdh nach eil sìon de dh'fhios aca dè a tha a' dol a thachairt do raon rocaidean Uibhist.

Tha a' chompanaidh dìon QinetiQ a' ruith an raoin as leth Ministearalachd an Dion (MOD), ach tha fathannan sa choimhearsnachd gu bheil dùil aig QinetiQ an obair aca a lùghdachadh ann an Uibhist no a dhùnadh buileach.

Thig fios feasgar bhon MOD dè dìreach a thachras, is iad air coinneamh-naidheachd a chur aig dòigh airson innse na tha fainear dhaibh.

 Tha sinn an dòchas nach bi e cho dona 's a thathas a' creidsinn
 
Sandy Cuimeanach, HIE

Dòchas

A-rèir aithris, dh'fhaodadh suas ri sia fichead cosnadh aig na raointean ann an Uibhist a' Deas, Beinn nam Fadhla agus Hiort a bhi ann an cunnart.

Tha beachd ann ge ta, gu faodadh a dhà uidhear sin an obraichean a chall leis gu bheil mòran chosnaidhean taobh a-muigh na raointean fhèin, an-crochadh orra.

Ge ta, thuirt Ceannard HIE Sandy Cuimeanach nach deach innse dhaibh-san mu na tha a' tachairt idir, agus gun àbhaist dhan Riaghaltas a h-uile buidheann a tharraing a-steach airson slìghe air adhart a dheasachadh ma tha dùil ri droch naidheachd ach nach do thachair sin an turas seo.

Thuirt e cuideachd ge-tà, nam biodh dùil ri deagh naidheachd gum biodh barrachd air briseadh anns na meadhanan mu na thachras.

"Tha sinn an dòchas nach bi e cho dona 's a thathas a' creidsinn, ach chanainn gur e dealbhachadh am prìomh ghnothach againn," thuirt Mgr Cuimeanach.

"Feumaidh sinn sgioba a chur air dòigh a dh'aithneachas na ghabhas dèanamh, dè na cosgaisean a bhios na luib, agus airson tuigsinn na tha a dhìth a thaobh ghoireasan gus cùisean a dhèanamh seasmhach," thuirt e.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Strì mhòr a dhìth mu raon nan rocaidean
16 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu 120 cosnadh aig Raon nan Rocaidean
15 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy