BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 16 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 09:44 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Strì mhòr a dhìth mu raon nan rocaidean
 
Làrach le QinetiQ ann an Uibhist a Deas
Tha 250 duine ag obair sna raointean-rocaid uile gu lèir
Chaidh iarraidh air daoine strì làidir a dhèanamh gus ionad QinetiQ ann an Uibhist a ghlèidheadh.

Thig fios Diciadain bho Mhinistearalachd an Dìon (MOD) co-dhiù an tèid an t-ionad, a tha QinetiQ a' ruith às an leth, a dhùnadh no a lùghdachadh gus nach tèid.

'S iad QinetiQ a tha os cionn raon nan rocaidean ann an Uibhist, agus tha 250 dreuchd a' crochadh air an ionad.

Tha fathannan ann gun tèid innse gun caillear suas ri 120 dreuchd, agus a' chompanaidh airson an obair a ghluasad gu ionad ann an Aberporth, an ceann a deas na Cuimrigh, far a bheil iad mar thà air £12m a chosg.

Thuirt Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Loch Baghasdail, Raghnall MacFhionnghain, gum feumar cur gu làidir an aghaidh gluasaid sam bith an t-àite a dhùnadh.

"Seo an t-àm daoine a dhùsgadh suas," thuirt e.

"Tha a' Chomhairle 's an Stòras, agus a h-uile duine a th' ann a' dèanamh an rud cheart an-dràsta.

"Ann an eileanan mar seo nuair a dh'fhalbhas uiread siud de dhaoine à aon obair tha e a' dol a dhèanamh diofair mhòir dha na h-eileanan a tha seo," thuirt e.

Tha Mgr MacFhionnghain ag ràdh nach eil e soilleir idir dè a tha fa-near do QinetiQ.

"Chan eil mise a' tuigsinn dè mar a dheargas iad togalach mar siud a dhùnadh.

"'S e an rud as fheàrr a th' aca ann am Breatainn, dh'fhaoidte san Roinn Eòrpa, an rud a th' againn ann an Gèirinis," thuirt e.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dragh mu 120 cosnadh aig Raon nan Rocaidean
15 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy