BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 15 An t-Ògmhios, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:29 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Dragh mu 120 cosnadh aig Raon nan Rocaidean
 
Làrach le Qinetiq, Uibhist a Deas
Tha 250 duine ag obair sna raointean-rocaid uile gu lèir
Tha dragh air èirigh mu phlanaichean a th' aig a' chompanaidh Qinetiq airson raointean rocaid ann an Uibhist a Deas, Beinn nam Fadhla agus Hiort.

Thig fios bho Mhinistearalachd an Dìon (MOD) Diciadain co-dhiù thèid na raointean, air a bheil mòran obraichean a' crochadh, a dhùnadh no lùghdachadh.

Bidh an MOD a' foillseachadh thoraidhean sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh air raointean rocaid a tha Qinetiq a' ruith as an leth air feadh na dùthcha.

Thathas a' tuigsinn gu bheil Qinetiq airson na raointean a ghluasad gu Aberporth anns a' Chuimrigh, far a bheil iad mar thà air £12m a chosg.

Nan deadh na raointean a dhùnadh, no a lùghdachadh, tha dragh gun caillear suas ri 120 cosnadh sìobhalta.

Tha an MOD a' dol às àicheadh gum biodh na h-ionadan a' dùnadh no gan ruith sìos.

Cha chanadh iad ach gum biodh atharrachadh ann a bheireadh buaidh air an luchd-obrach, ach nach robh iad am beachd tarraing a-mach às an sgìre.

Thuirt a' chompanaidh choimhearsnachd leis a bheil am fearann far a bheil raon-rocaidean Gèirinis, Stòras Uibhist, gu bheil iad fìor dhraghail mun naidheachd.

Thuirt iad nach biodh iad deònach obrachadh tuilleadh còmhla ris an MOD, ma 's i an fhìrinn a th' ann.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy