|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Connspaid mhòr mu choinneamh Eaglais na h-Alba
|
||||||||||||||||||||||
Thòisich Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba ann an Dun Eideann Diardaoin 's dùil ri connspaid mhòr mu chùis an Urramaich Scott
Rennie.
Tha Mghr Rennie air gairm fhaighinn bho choithional Chrois na Ban-rìgh ann an Obar Dheathainn, ach tha feadhainn taobh a-staigh na h-eaglais a' faireachdainn nach bu chòir dha a bhith na mhinistear leis gu bheil e gèidh agus ann an cairdeas le fireannach eile. Nan deadh ceadachadh dha a dhol a dh'Obar Dheathainn, tha e an dùil fuireach anns a' mhannsa còmhla ri chompanach. Tha còrr dà dheug mìle duine bho ghrunn eaglaisean air an ainm a chuir ri ath-chuinge ag iarraidh gun deadh Mghr Rennie a chasg bhon a' mhinistrealachd. Tha faisg air trì cheud duine air an ainm a chuir ri ath-chuinge a' cur taic ri Mghr Rennie. Tha beachd ann gum faodadh e sgaradh adhbharachadh san eaglais ma chuireas an t-Àrd-sheanadh taic ri cleir Obar Dheathainn. Tha Mghr Rennie air naoi bliadhna a chuir seachad aig Àrd-eaglais Bhreichin. Thèid deasbad oidhche Dhisathairne am bu chòir leigeal leis a bhith air a phòsadh ri coithional Chrois na Ban-rìgh. Cuspairean eile Cluinnidh an t-Àrd-sheanadh cuideachd mar a tha e a' fàileachadh air an Eaglais na h-uidhir de bhoireannaich a thaladh chun na ministrealachd. Thèid bruidhinn cuideachd air mar a ghabhas teicneòlas ùr a bhith air a chleachdadh airson an t-soisgeul a sgaoileadh gu àitean iomallach a tha as aonais mhinistear. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||