BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 12 An Cèitean, 2009 - Air fhoillseachadh aig 16:33 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Banca Sìl-chuir dhan Ghàidhealtachd
 

 
 
Càil churlach fo bhlàth
Bha uair a bha an cleachdadh gu math cumanta, agus riatanach
Nan teirigeadh an ola a-màireach, càite am faigheadh sinn biadh?

'S i sin ceist a bu chòir dragh a dhèanamh dhuinn, a rèir cuid.

Leis a' chuid as motha den bhiadh a dh'itheas sinn, agus den t-sìol a chuireas gàradairean agus tuathanaich air a thoirt a-steach à àiteachan, agus à dùthchannan eile, mur a gabh a ghluasad, bhiodh trioblaid mhòr ann.

Bho chionn 's dòcha 100 bliadhna, 's e cleachdadh cumanta a bh' ann do ghàradairean, agus do thuathanaich, a bhith a' glèidheadh sìl nan lusan aca, airson cuir an ath bhliadhna.

Sìol Hybrid

'S e sgil a th' ann, a th' air a bhith aig daoine, cha-mhòr fad ar n-eachdraidh. 'S e sgil a th' ann, a tha gu ìre mhòir air chall.

Tha fear ann an Inbhir Nis a' feuchainn ri stòras sìl-chuir a chruinneachadh a ghabhas cur san àm ri teachd son biadh a chumail ri muinntir na Gàidhealtachd.

Tha Chris Scatchard co-cheangailte ris a' bhuidhinn Cathair Caochlaidh Inbhir Nis, a tha a' feuchainn ris am baile ullachadh mu choinneimh chrìonadh na h-ola.

Tha cuid a' cumail a-mach gun teirig an ola nas luaithe na tha cuid eile. Tha Chris ag ràdh gum bu chòir dhuinn a bhith deiseil, agus comasach air fada a bharrachd a dhèanamh dhuinn fhèin, seach a bhith an eisimeil air daoine ann an àiteachan eile, taobh a-staigh deich bliadhna.

Chanadh cuid gur e gòraiche a tha seo, agus gun gabh freagairtean a lorg do na trioblaidean seo le ionmhaltachd mhic an duine. Ach an e gòraiche?

Tha daoine air feadh an t-saoghail a' gabhail dragh mu thèarainnteachd bhìdh an-dràsta, air caochladh adhbhar, bho blàthachadh na cruinne agus àrdachadh na mara, gu an eaconamaidh, agus caitheamh ghoireasan nàdarra na Cruinne.

Feumar sìol - ann an cruth air choireigin - airson beatha de sheòrsa sam bith.

Aig amannan nuair a tha daoine amharasach mu na tha ri thighinn, 's toil leinn a bhith cinnteach mu rudan mar sin.

As bith dè thachras, 's e rud gu math ùr ann an eachdraidh mhic an duine a th' ann daoine a bhith as aonais sìl ghlasraich agus a leithid. Le banca sìl-chuir, bhitheadh e ri fhaighinn co-dhiù, nam feumadh a chur gu feum.

Chris Scatchard
Tha Chris airson sìol-chuir gu leòr a chruinneachadh taobh a-staigh 10 bliadhna

Tha adhbhar eile ann air a shon cuideachd. Ma thèid sìol a chur 's a ghlèidheadh anns an aon sgìre fad bhliadhnaichean, fàsaidh na lusan cleachdte ri aimsir agus àrainneachd na sgìre sin.

Fad linntean, tha daoine air a bhith a' dèanamh sin, agus a' cruthachadh sreathan sìl air leth, a tha a' freagairt air diofar shuidheachaidhean.

Chan eil na sreathan seo a' freagart air feumalachdan tuathanach agus bhùithtean mòra ge-tà, agus tha iad air fàs gu math doirbh a lorg.

Tha tòrr den t-sìol a ghabhas ceannach, air atharrachadh le saidheans - sìol hybrid - seach le nàdar - sìol fosgailte - agus chan urrainnear sìol a ghlèidheadh bho na lusan a thig às, leis nach cinn iad gu ceart, nan cinneadh iad idir.

Tha cunnart ann, leis nach eil mòran de na sreathan traidiseanta air liosta den t-sìol a tha e laghail a reic, gun caillear iad sin cuideachd.

Tha Chris airson sreathan ghlasraichean den gabh sìol a ghlèidheadh a chur dhan bhanca aige.

Tha e a' sireadh dhaoine le gàraidhean, agus ùidh, airson lusan a chur, agus sìol a ghlèidheadh dhan phròiseact.

Tha e airson 's gum bi sìol gu leòr ann an stòras an ceann deich bliadhna, airson biadh a chumail ri muinntir na Gàidhealtachd anns na sgìrean aca fhèin.

Co-dhiù an teirig an ola gu luath gus nach teirig, tha fhios gun còrdadh e ri mòran ghàradairean sgil ionnsachadh a bha uair gu math cumanta, agus bunaiteach do ghàradaireachd.

Cò aig a tha brath? 'S dòcha gum bi iad taingeil gu bheil an sgil sin aca, là brèagha air choireigin.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy