|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Seachd obraichean Gàidhlig ùra aig OGE
|
||||||||||||||||||||||
Chan fhada gus am bi seachd obraichean Gàidhlig ùra aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig an oilthigh gun roghnaich OGE na dreuchdan a stèidheachadh mar thoradh air airgead a fhuair iad bho Bhòrd na Gàidhlig agus às an Aonadh Eòrpach. Bidh neach ann a bhios ag eadar-theangachadh agus a' cruthachadh stuth airson an eadar-lìn, feadhainn a bhios an urra ri modùilean is rianachd, agus co-òrdanaiche air a' phròiseict air fad. "Tha e inntinneach faicinn aig àm far a bheil staing ionmhais a' bualadh oirnn gu bheil na cothroman a tha seo ann agus gu bheil obraichean ann airson muinntir na Gàidhlig," thuirt Anna NicSuain, a tha ag obair aig Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh. Bha a' Bh.Ph. NicSuain cuideachd ag ràdh gum bi cuid dhe na dreuchdan aig oifis an oilthigh ann an Inbhir Nis airson dèanamh cinnteach gu bheil a' Ghàidhlig aig cridhe an leasachaidh. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||