BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 16 Am Faoilleach, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:21 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Dwelly air a thionndadh 's ga chur air loidhne
 
Faclair Dwelly
Chaidh am faclair fhoillseachadh mar leabhar ann an 1911
Tha faclair Eideaird Dwelly a-nis ri fhaotainn air loidhne airson a' chiad uair.

Chaidh Dwelly-d a chruthachadh le bhith a' scanadh an fhaclair a-steach gu coimpiutair.

'S iad Uilleam MacDhonnchaidh à Siorrachd Pheairt, agus Mìcheal Bauer à Munchen sa Ghearmaillt a rinn an obair.

Faodar faclan a shireadh bho Ghàidhlig gu Beurla, agus airson a' chiad turais riamh le Dwelly, bho Bheurla gu Gàidhlig.

Saor-thoileach

'S e am faclair Gàidhlig as iomlaine a th' ann am faclair Dwelly, a chaidh a chruinneachadh aig deireadh na 19mh linne, agus a chlo-bhualadh ann an Kent aig toiseach na 20mh linne.

Thuirt Mgr Bauer gur e ceum mòr air adhart a th' ann dhan luchd-ionnsachaidh gu sònraichte.

"'S i an trioblaid as motha a th' air a bhith ann le Dwelly's bho thùs, gur e faclair Gàidhlig gu Beurla a th' ann, agus leis a' ghoireas ùr seo, bho chaidh e air a' choimpiutair agus air an eadar-lìon, 's urrainn dhut faclan a rannsachadh bhon dà chànan," thuirt e.

Cha d'fhuaireadh taic-airgid sam bith airson a' phròiseict, agus b'fheudar a dhèanamh gu saor-thoileach, le airgead nan daoine fhèin a bha an sàs ann.

"Tha Uilleam MacDhonnchaidh air a bhith a' sireadh taic-airgid airson Dwelly a chur air a' choimpiutair bho 2005, ach cha do shoirbhich leis.

"Cha robh duine sam bith - Bòrd na Gàidhlig, agus na buidhnean Gàidhlig - deònach airgead a chosg air pròiseact mar seo. Mar sin dheth, rinn sinn fhìn e," thuirt Mgr Bauer.

Gheibhear am faclair an asgaidh air an eadar-lìon, aig www.dwelly.info

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy