http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

21 An t-Samhain, 2008 - Air fhoillseachadh aig 15:42 BST

Eu-dòchas mu ghiullachd èisg

Tha rabhadh air tighinn nach i a' chompanaidh ghiullachd èisg Strathaird Salmon an aon tè a dhùnas.

Thàinig e am bàrr Diardaoin gun robh a' chompanaidh a' beachdachadh air an fhactaraidh aca ann an Inbhir Nis a dhùnadh as t-samhradh an ath-bhliadhna.

Chailleadh 350 duine an cosnadh.

Tha iad ag amas air an obair aca a ghluasad chun na Bruaich, agus iad a' cur a' choire air prìs a' chonnaidh agus trioblaidean na h-eaconamaidh.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gum feumadh iad £7m a chosg air an taigh-giullachd aca san ath-chòig bliadhna, son a chumail ann an deagh staid, 's nach urrainn dhaibh a' chosgais sin a ghiùlain.

Farpais

'S ann fon chompanaidh mhòir Foodvest a tha Strathaird, agus tha companaidhean eile leithid Youngs fo an sgèith cuideachd.

Tha sin a' cur eagail air cuid, gun dùin tuilleadh fhactaraidhean.

"'S i fìor dhroch naidheachd a tha sin do dh'Inbhir Nis, agus a' chompanaidh sin air a bhith ann iomadach bliadhna a-nis," thuirt Aonghas Mac a' Mhaoilein, a tha na àrd-stiùiriche air West Minch Salmon.

"Ach chan eil ann ach rud a tha sinn a' faicinn, gu h-àraid ann an Steòrnabhagh, agus ann an Sgalpaigh.

"Ma tha iad a' dol ga cur a dh'àiteigin eile, a' Bhruach no math dh'fhaoidte a Shasainn tha ceistean mòra mu dheidhinn sin cuideachd," thuirt e.

Tha Mgr Mac a' Mhaoilein draghail nach bi gu leòr chompanaidhean ann an gnìomhachas an tuathanais èisg airson farpais dhòigheil a chumail a' dol.

Tha e cuideachd draghail mu na tha fa-near dhan chompanaidh Foodvest, leis gu bheil iad air a bhith a' dol am meud gu mòr o chionn greis, 's a' ceannach chompanaidhean eile.

"Tha iad air an t-uabhas airgid a chosg a' ceannach nan àiteachan a tha sin, chan e a-mhàin ann an Inbhir Nis, ach anns a' Bhruaich, agus thog iad àite taobh a-muigh Dhùn Èideann o chionn dà bhliadhna, agus tha iad a' sìor leudachadh ann an Sasainn.

"Mar sin tha thu a' faighneachd dhut fhèin dìreach dè tha fa-near dhaibh, fad bhliadhnaichean a' ceannach suas na h-uile companaidh a ghabhadh ceannach, agus a-nis gan dùnadh.

"Tha mi a' smaoinntinn gum bu chòir do mhuinntir Inbhir Nis agus muinntir na Gàidhealtachd a bhith a' coimhead, dè tha a' tachairt an seo?

"A bheil airgead gu bhith ann airson na h-àiteachan eile a tha sin mar a tha a' Bhruach no shìos ann an Grimsby a leasachadh aig an aon àm agus a tha iad a' dùnadh àite ann an Inbhir Nis?" thuirt e.