http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

21 An t-Samhain, 2008 - Air fhoillseachadh aig 14:53 BST

Toradh suarach à Bliadhna Chultarail

Cha tàinig ach £6.5m de bhuannachd eaconamach bho luchd-turais à Bliadhna Chultarail na Gàidhealtachd 2007, ged a chaidh £44m a chosg air.

Tha aithisg a chaidh fhoillseachadh Dihaoine ag ràdh gun tug an tachartas buaidh mhòr air sgìre na Gàidhealtachd, ach glè bheag de bhuaidh air a' chòrr den dùthaich.

Ged a chaidh obraichean a chruthachadh àiste, b' iad obraichean pàirt-ùine a bh' annta, seach làn-ùine, a rèir na h-aithisg.

Tha an aithsig ag ràdh gur dòcha gun till luchd-turais chun na Gàidhealtachd as dèidh mar a chaidh an tàladh thuice le tachartas na bliadhna an-uiridh ge-tà.

Tha an aithisg cuideachd a' togail air càineadh a rinn cuid de luchd na Gàidhlig air mar a dh'fhàilig air an tachartas barrachd a dhèanamh dhan chànan.

Bha Gàidheil a' gearain nach robh a' Ghàidhlig ach na dàrna pàirt den fhèis, an àite a bhith a' faighinn prìomhachais innte, a dh'aindeoin 's gun robh 10% de dh'airgead nam pròiseactan air a chur ann airson cànain.

Thuirt Ministear a' Chultair Linda Fabiani ge-tà, gur e deagh eisimpleir a bh' anns an fhèis air mar a ghabhas airgead prìobhaideach a chur còmhla ri airgead poblach, agus gur e rud a bh' ann às an d'fhuaireadh mòran buannachd.

Tha cuid air teagamhan a thogail gum bu chòir coimhead ri mar a chaidh dhan Bhliadhna Chultarail, agus Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh ga cumail an ath-bhliadhna.