BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 05 An t-Samhain, 2008 - Air fhoillseachadh aig 14:34 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Clì ag iomairt son Freeview do BhBC Alba
 
Suaicheantas BhBC Alba
Tha an t-sianal mar thà air daoine a thàladh dhan Ghàidhlig
Tòisichidh a' bhuidheann Clì Gàidhlig iomairt gus feuchainn ris an t-sianal didseatach Gàidhlig, BBC Alba fhaighinn air Freeview.

Bidh iad a' deasbad na cùise aig a' choinneimh bhliadhnail aca Disathairne.

Tha iad airson 's gun sgrìobh na buill aca chun a' BhBC ag iarraidh orra leigeil leotha an t-seirbheis fhaicinn.

An-dràsta feumar Sky, no Freesat airson an t-sianal fhaicinn.

Barrachd iarrtais

Tha grunn iomairtean eile air an cur air dòigh gus toirt air Urras a' BhBC an t-sianal a chur air Freeview.

Tha an t-Urras air a ràdh gun coimhead iad ri sin a dhèanamh ann an 2010.

Thuirt Stiùiriche Chlì, DJ Mac an t-Saoir, gun robh an t-sianal mar thà air tuilleadh dhaoine a thàladh chun a' chànain.

"Feumaidh mi aideachadh, o thàinig an t-sianal ùr, gu bheil sinn air barrachd iarrtais fhaighinn, agus daoine airson faighinn a-mach barrachd mu dheidhinn a' chànain, agus co-dhiù dè mar a dh'ionnsaicheas iad e.

"Aig an àm seo tha e cho cudromach gun dèan sinn cinnteach gu bheil daoine a' sgrìobhadh a-steach, 's gu bheil Urras a' BhBC a' cluinntinn ghuthan dhaoine.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil gu leòr mar thà air litrichean a chur a-steach, 's am beachdan a chur seachad, ach seo an cothrom aig na buill aig Clì Gàidhlig," thuirt e.

Thèid coinneamh bhliadhnail na buidhne a chumail anns a' Phremier Inn ann an Haymarket Dhùn Èideann, a' tòiseachadh aig 10m Disathairne, le fàilte ron h-uile duine.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Westminster a' diùltadh ath-chuinge
14 An Dàmhair, 2008 | Naidheachdan
Ath-chuinge ga cur air dòigh mu BhBC Alba
09 An Dàmhair, 2008 | Naidheachdan
Ath-chuinge ga h-iarraidh mu BhBC Alba
07 An Dàmhair, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy