http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

07 An Dàmhair, 2008 - Air fhoillseachadh aig 11:07 BST

Ath-chuinge ga h-iarraidh mu BhBC Alba

Tha Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, air iarraidh air Gàidheil ath-chuinge a dheasachadh airson an t-seanail BBC Alba fhaighinn air Freeview.

Feumar an-dràsta saideil airson an t-seanail fhaighinn, agus tha sin a' fàgail gu bheil mòran Ghàidheal nach eil ga fhaicinn idir.

Dh'fhaighnich Mgr MacNèill ceist mu dheidhinn ann am Pàrlamaid Westminster Diluain.

Tha Urras a' BhBC air cur romhpa sealltainn ris a' cheist ann an 2010, ach a rèir Mhgr MhicNèill, tha e a dhìth fada ron uair sin.

Luchd-amhairc as motha

"Tha mi a' smaointinn gu bheil cùisean a' tòiseachadh gu math dhan t-seanail ùr, agus a rèir 's na tha mi a' cluinntinn tha barrachd dhaoine airson an t-seanail a tha seo fhaicinn ann an suidheachaidhean eile a bharrachd air Sky agus an eadar-lìon.

"Tha mi a' smaointinn gur e fear de na feumalachdan a bu mhotha, gun nochd seo air Freeview.

"Dh'fhaoidte gur e seòrsa de dh'ath-chuinge a thòiseachadh aig àm a' Mhòid aon de na dòighean airson neart a thoirt dha seo," thuirt e.

Bha Mgr MacNèill toilichte leis an fhreagart a fhuair e bho Anndra Burnham ann an Taigh nan Cumantan, gum biodh e a' coimhead air an t-seanail a chur air Freeview.

"Tha gu leòr de dhaoine aig nach eil Sky, agus aig nach eil ach Freeview - 's tha gu leòr eile nach eil a' faighinn sin nas motha.

"Ach tha mi a' smaointinn gum bu chòir dhuinn ar dìcheal a dhèanamh a chraobh-sgaoileadh dhan luchd-amhairc as motha a ghabhas dèanamh," thuirt e.

Tha Mgr MacNèill ag ràdh gun cuir e taic ri duine sam bith a dh'iarradh làmh an uachdar a ghabhail air a' chùis, agus ath-chuinge a thòiseachadh, agus gum faodar bruidhinn ris tro oifis ann an Steòrnabhagh.