06 An Dàmhair, 2008 - Air fhoillseachadh aig 10:32 BST
Tha eagal air luchd-obrach na companaidh èisg Lighthouse Caledonia nach eil dòigh air an tèid an obair aca anns na h-eileanan a chùmhnadh.
Sin fiù 's ged a thabhainneadh HIE taigh-giullachd ùr nas goireasaiche a thogail dhaibh, rud a chosgadh £6m.
Tha an luchd-obrach ag ràdh gur e a bha fa-near dhan chompanaidh bho thùs an obair ghiullachd gu lèir a ghluasad gu Tìr Mòr.
Bheir a' chompanaidh trì mìosan seachad a' dearbhadh co-dhiù a bheil an obair ghiullachd san fhactaraidh èifeachdach.
'S i Lighthouse Caledonia a' chompanaidh phrìobhaideach as motha a th' anns na h-Eileanan Siar, le mu cheud neach-obrach aig an fhactaraidh air iomall Steòrnabhaigh an cunnart na h-obraichean aca a chall.
Tha a' chompanaidh an-dràsta a' cumail conaltraidh ris an luchd-obrach mu phlanaichean gus an t-ionad a dhùnadh seach nach eil e math gu leòr.
Tha a' chompanaidh air a ràdh ge-tà gum bitheadh ùidh aca ann an ionad ùr a thogail nam faigheadh iad taic-airgid poblach.