BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 16 An Dàmhair, 2008 - Air fhoillseachadh aig 16:07 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Sruth na Maoile
 

 
 
Soidhne sgìre 'An Ghaeltacht" ann an Èirinn
Tha mu mhillean duine ag ràdh gu bheil Gaeilge aca ann an Èirinn
Tha an t-Oll. Máire Ní Annracháin, aig Oilscoil Náisiúnta na hÉireann, Má Nuad, faisg air Baile Átha Cliath, a-nis na h-urrasair aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig na h-Alba, san Eilean Sgitheannach.

Thar nam bliadhnaichean, tha Máire air a bhith a' tadhal air an t-Sabhal Mhòr na h-obair, agus tha i fileanta sa Ghàidhlig, a bharrachd air a' Ghaeilge.

Coltach ri gu leòr ann an Èirinn, tha ùidh mhòr aig Máire ann an cultar Ghàidheal na h-Alba, 's bidh i a' teagasg Gàidhlig do a cuid oileanach ann am Má Nuad.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt i gun robh i airson 's gum biodh Gàidheil na h-Alba is na h-Èireann nas deònaiche cànan càch a chèile ionnsachadh.

Continuum Cultaral

Chan eil i na h-aonar an sin, agus a' bhuidheann Iomairt Cholm Cille a' feuchainn ri "iomlaid chultaral" a bhrosnachadh eadar an dà dhùthaich.

Air an làraich-lìn aca, tha an Iomairt a' cur an cèill gur e: "...an ceann-ùidhe a th’ aig Colmcille “coimhearsnachd bheothail, cho-obrachail a chruthachadh eadar Alba is Èirinn.”

Bha uair a b'e sin a bh' ann an Gàidhealtachd na h-Alba agus Èirinn, no rud gu math faisg air.

Anns an "t-seann Ghàidhealtachd" cha robh a' chrìoch eadar Alba agus Èirinn a' ciallachadh mòran. Bha daoine air gach taobh a' bruidhinn an aon chànain, agus gu ìre mhòir b' iad an dearbh shluagh a bh' anns an dà dhùthaich.

Thathas a' dèanamh dheth gur anns na meadhan aoisean a nochd an sgaradh eadar a' Ghàidhlig anns an dà dhùthaich, a tha a' toirt air daoine dà chànan fa-leth a ghabhail orra an-diugh.

Na Gaeltachtaí
Na sgìrean far a bheil Gaeilge na cànan coimhearsnachd fhathast

Dar a bhios Èireannaich a' faighneachd dhiomsa a bheil Gàidhlig gu math diofraichte bhon Ghaeilge, bidh mi ag ràdh riutha "tá siad cosúil go leór le chéile chun fadhbanna a thosnú."

Tha iad coltach gu leòr ri chèile gus trioblaidean a thòiseachadh.

Dh'ionnsaich mise na th' agam de Ghaeilge tro mheadhan na Gàidhlig an toiseach, aig an t-Sabhal, mus do chuir mi leth-bhliadhna acadaimigeach seachad ann am Má Nuad.

Leis gun robh Gàidhlig agam an toiseach, cha chreid mi gur e euchd a bh' ann dhomh Gaeilge ionnsachadh. Tha e gu math furasta facal Gàidhlig a shadail a-steach dar nach eil thu cinnteach dè am facal Gaeilge a tha a dhìth ort, agus fhad 's a nì thu sin ann an co-theacs, tuigidh daoine thu.

Feumar dìreach a bhith rud beag faiceallach le corra fhacal, aig a bheil ciall eadar-dhealaichte ann an Èirinn, seach ann an Alba.

Mar sin dheth, faodar a ràdh nach eil crìoch ann eadar dà chultar an-diugh nas motha, agus Èirinn is Alba mar dhà thaobh den dearbh bhonn, mar a chanas cuid, ged a tha rudan eadar-dhealaichte air gach taobh.

Dar a smaoineachas daoine air cho beag de dhaoine 's a th' aig a' Ghàidhlig ann an Alba, tha e na bhrosnachadh nach eil an cànan na h-aonar, buileach, agus dùthaich air taobh thall Sruth na Maoile anns a bheil dreach dhi na "ciad chànan oifigeil na stàite, le Beurla mar chànan oifigeil eile."

Tha mu mhillean duine ann an Èirinn ag ràdh gu bheil comas air choireigin aca anns a' Ghaeilge, agus gu dearbha, gheibh a h-uile duine leasain sa chànan san sgoil, le clann ann an sgìrean ris an canar Gaeltachtaí, a' faighinn an cuid foghlaim air fad sa Ghaeilge, seach gur i cànan na coimhearsnachd sna sgìrean sin.

Mar as motha de Ghàidheil na h-Alba a dh'ionnsaicheas Gaeilge, 's ann nas fhasa a dh'fhàsas e do dhaoine pàirt a ghabhail ann an seann chontinuum cultaral, agus is mór an taitneamh a gheobhadh siad as.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy