|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Plàigh de rabaidean ann an Nis
|
||||||||||||||||||||||
Tha plàigh de rabaidean ann an Nis an Leòdhas a' dèanamh cron mhòir san sgìre.
Chaidh 800 a mharbhadh le niosan ann an dà no trì làithean, ach bidh iad ag àlachadh cho luath 's nach do rinn sin uidhir de chron orra, 's tha na mìltean thar mhìltean ann fhathast. Chan e a-mhàin gu bheil iad air sgrios a dhèanamh le bhith a' tolladh na machrach, ach tha iad cuideachd a' dèanamh cron air a' bhàrr a tha daoine a' cur air na lotaichean aca. Ged a tha sreath de dhaoine air cead fhaighinn bhon uachdaran, Urras Oighreachd Ghabhsainn, a bhith a' losgadh orra, tha amharras ann gum feumar oidhirp nas motha na sin a dhèanamh gus smachd fhaighinn orra. Milleadh "Chan e a-mhàin gu bheil iad air na machraichean far am b'àbhaist dhaibh a bhith riamh 's far an robhas cleachdte ri bhith gam faicinn, ach tha iad a-nis air sgaoileadh air feadh nan croitean is tha iad am measg nan taighean," thuirt Hamish MacLeòid à Suaineabost. "Ma gheibh iad cothrom millidh iad rud sam bith air am faigh iad cothrom," thuirt e. Tha stoc dhaoine a' call an cothroim air feur, agus tha cunnart ann gun tèid daoine thairis air an adhbrain ma thèid iad a' coiseachd far a bheil na tuill. Tha dùil gum fàs cùisean nas miosa builleach an ceann bliadhna no dhà mur a tèid smachd fhaighinn air an àireamhan gu sgiobalta. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||