BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 06 An Dàmhair, 2008 - Air fhoillseachadh aig 10:32 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Luchd-obrach Lighthouse gun dòchas
 
Bradan
Tha a' chompanaidh airson an taigh-giullachd aca a dhùnadh
Tha eagal air luchd-obrach na companaidh èisg Lighthouse Caledonia nach eil dòigh air an tèid an obair aca anns na h-eileanan a chùmhnadh.

Sin fiù 's ged a thabhainneadh HIE taigh-giullachd ùr nas goireasaiche a thogail dhaibh, rud a chosgadh £6m.

Tha an luchd-obrach ag ràdh gur e a bha fa-near dhan chompanaidh bho thùs an obair ghiullachd gu lèir a ghluasad gu Tìr Mòr.

Bheir a' chompanaidh trì mìosan seachad a' dearbhadh co-dhiù a bheil an obair ghiullachd san fhactaraidh èifeachdach.

'S i Lighthouse Caledonia a' chompanaidh phrìobhaideach as motha a th' anns na h-Eileanan Siar, le mu cheud neach-obrach aig an fhactaraidh air iomall Steòrnabhaigh an cunnart na h-obraichean aca a chall.

Tha a' chompanaidh an-dràsta a' cumail conaltraidh ris an luchd-obrach mu phlanaichean gus an t-ionad a dhùnadh seach nach eil e math gu leòr.

Tha a' chompanaidh air a ràdh ge-tà gum bitheadh ùidh aca ann an ionad ùr a thogail nam faigheadh iad taic-airgid poblach.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dòchas ann do chompanaidh èisg sna h-Eileanan
02 An Dàmhair, 2008 | Naidheachdan
Dearbhadh bho Lighthouse Caledonia
24 An t-Sultain, 2008 | Naidheachdan
Dragh gun dùin Lighthouse Caledonia
23 An t-Sultain, 2008 | Naidheachdan
Companaidh àrach èisg air cha mhòr £1m a chall
05 An t-Ògmhios, 2008 | Naidheachdan
Lighthouse Caledonia a' leudachadh
08 An Gearran, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy