BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 06 An Dàmhair, 2008 - Air fhoillseachadh aig 10:57 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Hearaich a' bhòtadh son am fearann a cheannach
 
Taobh Siar na Hearadh
'S ann leis an Riaghaltas a tha an oighreachd
Bhòt muinntir Taobh Siar na Hearadh Dihaoine airson an oighreachd air a bheil iad a' fuireach a cheannach bhon Riaghaltas.

Cha-mhòr nach do bhòt muinntir na coimhearsnachd air fad, agus trì chàirteal dhiubh airson am fearann a cheannach.

Bidh cothrom ann a-nis dhaibh beachdachadh air sgeamaichean gus an sgìre a leasachadh agus daoine a thàladh ann.

Am measg nan sgeamaichean a th' air nochdadh tha sgeama hydro.

Tha iad cuideachd airson teaghlaichean òga a thàladh chun na sgìre, agus a dhèanamh nas fhasa do chuid òig às an sgìre fhèin taighean a thogail agus fuireach ann.

Thèid Urras Coimhearsnachd Taobh Siar na Hearadh a-nis dhan Chrannchur Nàiseanta a dh'fheuchainn ri airgead fhaghinn airson na h-iomairt aca.

Tha iad an dùil gun cosg am fearann a tha iad ag amas air a cheannach suas ri £200,000.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy