BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 03 An Dàmhair, 2008 - Air fhoillseachadh aig 12:07 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Flying Fiddlers gus dol a Chanada
 
Flying Fiddlers
Chaill a' bhuidheann an ticeadan nuair a chaidh Zoom fodha
Thèid an còmhlan ciùil à Uibhist, na Flying Fiddlers a chluich ann an Canada an ath-sheachdain.

Bha iad air ticeadan a cheannach airson a dhol gu Fèis Cheltic Colours ann an Ceap Breatainn, ach chaill iad iad nuair a chaidh a' chompanaidh adhair Zoom fodha.

Bha Zoom cuideachd air taic-airgid a thoirt dhan chòmhlan.

Chaill iad £3,000 nuair a thachair sin, agus bha dùil nach fhaigheadh iad air airgead a thrusadh airson ticeadan ùra a cheannach, ach fhuair.

Iasad

Leis gur i companaidh adhair shaor a bh' ann an Zoom, chaidh cosgaisean an turais suas gu mòr, 's bha aca ri £6,000 a thogail ann am beagan is sia seachdainnean.

Gu ruige seo cha deach aca air a h-uile sgilinn a dh'fheumas iad a thogail.

Thèid an t-airgead a chaill iad le Zoom a thilleadh thuca a dh'aithghearr, ach anns an eadar-ama dh'aontaich Comhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath iasad £4,000 a thoirt dhaibh.

Fàgaidh sin gum feum iad cumail orra a' cruinneachadh airgid nuair a thilleas iad à Canada, airson am pàigheadh air ais.

Airson tuilleadh airgid a thogail, thèid cuirm chiùil a chumail ann am Beinn na Bhaodhla Oidhche Haoine, le Fred Moireasdan, Kathleen NicAonghais agus Iain Dòmhnallach a' nochdadh.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy