23 An t-Sultain, 2008 - Air fhoillseachadh aig 10:11 BST
Chaidh Ceannard an Fhoghlaim Chànanaich aig Oilthigh Shrath Chluaidh, Boyd Robasdan, ainmeachadh mar Stiùiriche ùr an t-Sabhail Mhòir.
Gabhaidh Mgr Robasdan, 59, àite an Oll. Thormoid Mhic'ill-Ìosa, a leigeas dheth an dreuchd aig deireadh na bliadhna.
Tha Mgr Robasdan air a bhith an sàs ann am foghlam aig diofar ìrean bho chionn ghrunn bhliadhnaichean.
"Tha trì rudan a' fàgail gu bheil Boyd gu h-àraid freagarrach mar stiùiriche aig an dearbh àm a tha seo ann an eachdraidh na Colaiste," thuirt Cathraiche Urrasairean an t-Sabhail, An Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid.
"Sin an t-eòlas mionaideach a th' aige air saoghal na Gàidhlig, an t-eòlas a th' aige air cò ris a tha e coltach colaiste a bhith a' gluasad gu ìre oilthigh, agus an t-eòlas a th' aige air trèanadh luchd-teagaisg airson a bhith a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt e.
Thuirt Mgr Robasdan fhèin:"Tha mi anabarrach toilichte an cothrom seo fhaighinn Colaiste Ghàidhlig na h-Alba a stiùireadh aig àm cho cudromach ann an eachdraidh na cànain.
"Tha an Sabhal aig cridhe nan oidhirpean gus a' chànain ath-bheothachadh, agus bhithinn a' sùileachadh gum biodh a' Cholaiste gu dlùth an sàs ann an iomairtean mar Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, an Seanal Gàidhlig BBC Alba, agus an oilthigh ùr a th' air fàire air Ghàidhealtachd," thuirt e.