|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
DVD ùr do luchd-ionnsachaidh ga fhoillseachadh
|
||||||||||||||||||||||
Thèid DVD ùr fhoillseachadh Diciadain a tha a' toirt seallaidh do dhaoine air coimhearsnachdan nan Eilean.
Chaidh Guthan nan Eilean, a tha na phròiseact dà-chànanach, a chlàradh ann an Uibhist. 'S ann ag amas air an dà chuid luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus na Beurla a tha e. Tha pasgan ri fhaighinn anns a bheil DVD, le 20 bhideo sa Ghàidhlig, 20 anns a' Bheurla, agus CD ROM na chois cuideachd, air a bheil tras-sgrìobhaidhean agus eadar-theangachaidhean. Cànan sìmplidh "Rinn sinn dà sheòrsa de dh'fhiolm," thuirt co-òranaiche a' phròiseict, Gòrdan Wells. "Bha sinn a' dèanamh feadhainn aithriseach, 's bha iadsan ann an cànan caran sìmplidh, gus nach biodh iad ro dhoirbh airson luchd-ionnsachaidh. "A bharrachd air sin, rinn sinn agalamhan cuideachd leis na daoine a bha an sàs anns na fiolmaichean aithriseach," thuirt e.
Tha na fiolmaichean cuideachd ag amas air luchd-ionnsachaidh na Beurla, agus iad an dùil gun cuir daoine às a' Phòlainn agus dùthchanan eile a tha ag obair sna h-Eileanan air feum iad. "Bha Sabhal Mòr Ostaig ag obair cuide ri Cothrom ann an Uibhist a Deas, o chionn 's gun robh Cothrom an sàs ann am Beurla a theagasg do dh'fheadhainn a bha a' tighinn ann bhon Phòlainn no bho Latbhia is àiteachan mar sin. "Tha sinn an dòchas gum bi e feumail don dà chuid, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus na Beurla," thuirt e. Chan ann air daoine aig nach eil Gàidhlig no Beurla sam bith a tha an DVD ag amas ge-tà, agus tuigse gu ìre a dhìth airson a chleachdadh. "Cuideigin aig a bheil grèim air choireigin agus a tha airson adhartas a dhèanamh sa chànan," thuirt Mgr Wells. Tha dùil gun tèid na DVDan a chur a-mach do luchd-ionnsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, CLI, agus sgoiltean. Gheibhear an tuileadh fiosrachaidh bho Shabhal Mòr Ostaig. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||