|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Iarrtas mòr air Gàidhlig ionnsachadh sa Chomhairle
|
||||||||||||||||||||||
Tha 37% de luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh gu ìre air choireigin, no a th' airson
eòlas a chur air a' chànan.
Thàinig am fiosrachadh bho sgrùdadh a rinn a' Chomhairle fhèin, agus thèid a chur an sàs anns a' phlana Ghàidhlig a tha an t-ùghdarras ag ullachadh. Tha Stiùiriche Leasachaidh Ghàidhlig na Comhairle, Dòmhnall MacNèill, air a bhrosnachadh leis an naidheachd. "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' sealltainn, am measg luchd-obrach na Comhairle, gu bheil gu leòr ann a tha a' toirt taic dhan chànan. "Chaidh na bileagan ceasnachaidh a-mach gu còrr is dusan mìle neach, agus nam biodh na h-àireamhan a tha sin a' freagart a rèir an luchd-obrach air fad, bhiodh tu a' bruidhinn an uair sin air dìreach mu thimcheall air 5,000 neach aig am biodh ùidh anns a' chànan ionnsachadh," thuirt e. Aig an ìre seo tha Mgr MacNèill ag ràdh nach eil na goireasan aig a' Chomhairle airson an t-iarrtas a shàsachadh. "Aig an ìre seo dh'fheumainn a ràdh nach eil. "Chaidh tagradh bhon Chomhairle a-steach gu Bòrd na Gàidhlig a tha air am maoineachadh aca airson Achd na Gàidhlig a chur an cèill, agus mar phàirt de sin bha pròiseact gus cùrsaichean trèanaidh Gàidhlig a stèidheachadh do luchd-obrach. "'S e call a bhiodh ann gu bheil ùidh ann agus nach deadh againn air a cho-lionadh air dòigh air choireigin," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||