|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Là eachdraidheil dhan Ghàidhlig
|
||||||||||||||||||||||
Tha an t-each mall air a' mhuillinn a ruighinn, mar a thuirt cathraiche MG Alba Alasdair Moireasdan.
Tòisichidh sianal ùr Gàidhlig, BBC Alba, air saideal, oidhche Haoine aig naoi uairean le cuirm beò às an Eilean Sgitheanach. Thèid tionndadh ùr den òran Alba, aig Runrig, air a sheinn le laoich leithid Karen NicMhathain, Art MacCarmaig agus Cathy Ann Nic a' Phì, a chraoladh airson a' chiad uair cuideachd. Bidh luchd-ciùil leithid na Seòid, Skipinnish agus Julie Fowlis aig Sabhal Mòr Ostaig airson na cuirm ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig. Farsaingeachd phrògraman Chan e a-mhàin prògraman ciùil a bhios air BBC Alba. Air a' chiad oidhche den t-seirbheis bidh prògram dràma, Eilbheas, mu ghille ann an Leòdhas air an oidhche a bhàsaich Elvis agus prògram aithriseach Peadar Manuel: Deireadh an uilc? mu bheatha a' mhurtair ainmeil. Bidh prògraman cloinne, naidheachdan, spòrs agus iomadach gnè eile de phrògram rim faicinn air BBC Alba. Thèid prògram naidheachd leth uair a thìde, An Là, a chraoladh beò gach oidhche tron t-seachdain aig 8f. Luchd-amhairc fharsaing Chan ann a-mhàin air Gàidheil a bhios an t-seirbheis ag amas, ach cuideachd air feadhainn aig nach eil a' Ghàidhlig. Thathas ag amas air 250,000 neach-amhairc a thaladh chun an t-sianal. Chaidh £14m a chur ris an t-sianal airson a' chiad dà bhliadhna ach tha cuid air dragh a nochdadh nach eil airgead gu leòr ann cumail a' dol aig an aon ìre as dèidh sin. Tha dragh ann cuideachd nach bi an t-seirbheis a' craoladh ach air saideal anns a' chiad dol a-mach. Freeview Bidh BBC Alba air an eadhar eadar 5f agus meadhan-oidhche air Sky 168 agus FreeSat 110.
Cha bhi e air Freeview gu co-dhiù 2010, agus eadhon an uairsin feumaidh Urras a' BhBC co-dhunadh a bheil an t-seirbheis airidh air àite air an t-seirbheis sin. Tha dòchas ann gun tèid an t-seirbheis a chraoladh air càball ron uairsin. Bidh na prògraman a chithear air BBC Alba Dihaoine cuideachd rim faicinn air BBC 2 Alba aig an aon àm. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
BBC Alba air bhog16 An t-Sultain, 2008 | Naidheachdan
Tòisichidh an t-sianal ùr air 19mh den t-Sultain13 An Lùnastal, 2008 | Naidheachdan
Geamaichean a' Phrìomh Lìog air an t-Seirbheis Dhidseataich15 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||