BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 17 An t-Sultain, 2008 - Air fhoillseachadh aig 14:40 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Bholcàno Loch Abair
 
bholcàno Kilauea ann a Hawaii
'S coltach gun robh Àird nam Murchan uair coltach ris a bholcàno seo ann a Hawaii
Tha 33 luchd-saidheans bho air feadh an t-saoghail air a bhith cur seachdainn seachad a' dèanamh rannsachadh air cearcaill Àird nam Murchan.

Làrach tha seo a tha ainmeil air feadh an t-saoghail mar eisimpleir air mar a tha taobh a-staigh bholcàno ag obair.

Thàinig eòlaichean-talmhainn à Afraga a deas, an Ruis, an t-Suain agus Breatainn gus pàirt a ghabhail anns na bùithtean-obrach.

Bha iad a' coimhead ri cearcaill Àird nam Murchan, sgìre an ear air gob Àird nam Murchan far a bheil na cnuic a'dèanamh patran de chearcaill.

cearcaill Àird nam Murchan
Tha 55-60 millean bliadhna bho bha a' bholcàno beò

Sheall Sgrùdadh Eòlas Talmhainn Bhreatainn san linn mhu dheireadh gur e bholcàno a dh'àdhbhraich na cearcaill àraid seo.

Fhuaireadh gun robh ceithir bholcàno ann an taobh siar na Gàidhealtachd o chionn fhada - a' Chuilthionn san Eilean Sgitheanach, Beanntan Eilean Ruim, Muile agus Aird nam Murchan fhein.

'S e obair chudromach a th'ann a bhith sgrùdadh na làraich seo, an dà chuid leis gun toir e cuideachadh do thuathanaich ann an sgìrean far a bheil bholcàno fhathast beo.

Cuideachd 's ann sna na làraich fo bholcàno mharbh a tha na meinnearan as prìseile san t-saoghal tric rin lorg.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy