BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 16 An t-Sultain, 2008 - Air fhoillseachadh aig 09:14 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
BBC Alba air bhog
 
suaicheantas BBC Alba
Thèid an t-sianal air an eadhar aig 9f Dihaoine 19mh Sultain.
Tha MGAlba a nis air leigeil fhaicinn dè na prògraman a bhios ri fhaicinn nuair a thèid an t-sianal ùr Ghàidhlig BBC Alba air an eadhar, Dihaoine sa tighinn.

Bhon 19mh den t-Sultain chithear prògraman ciùil, drama, naidheachdan agus spòrs agus iomadach prògram eile air caochladh de chuspairean.

Cuiridh cuirm sònraichte, air a chraoladh beò bhon Cholaisde Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig ann an cuideachd Mhàiri Anna NicUalraig, an t-sianal air bhog.

'S ann le tionndadh ùr den òran Alba, aig Runrig, air a sheinn le laoich leithid Karen NicMhathain, Art MacCarmaig agus Cathy Ann Nic a' Phi, a thòisicheas an oidhche.

Drama

Chan e mhàin prògraman ciùil a bhios ri fhaicinn ge-tà.

Thèid dà phrògram ùr drama a shealltainn cuideachd: Eilbheas, sgeulachd à Leòdhas air an oidhche bhàsaich Elvis agus cuideachd Peter Manuel: Deireadh an Uilc? mun mhurtair ainmeil.

Anns na seachdainnean air thoiseach, chithear cuideachd iomradh air beatha Zinedine Zidane, a chaidh a chur far na pàirce ann an cuairt dheireannach Cupa na Cruinne 2006.

A bharrachd air sin, bidh cothrom ann barrachd ionnsachadh mu na ceangalan aig an fhear-gnothaich Dòmhnall Trum ri Alba, agus gu h-àraid ri Leòdhas.

Naidheachdan

Bidh an sgioba naidheachd cuideachd an sàs anns an t-sianal ùr agus thèid prògram leth uair a thìde, An Là, a chraoladh beò gach oidhche eadar Diluain agus Dihaoine aig 8f.

'S iad Iain MacIlleathain agus Angela NicIlleathain priomh luchd-libhrigidh na naidheachdan, le Kirsteen NicDhòmhnaill a' toirt sùil air an aimsir.

Bidh BBC Alba ri fhaighinn air saideal a-mhàin anns a' chiad dol a-mach agus chithear na prògraman air Sky 168 agus Freesat 110 bho 9f air Dihaoine 19mh Sultain 2008.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Tòisichidh an t-sianal ùr air 19mh den t-Sultain
13 An Lùnastal, 2008 | Naidheachdan
Cathraiche ùr do MG Alba
09 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Ministear a' dèanamh fiughair ris an t-sianail ùr
04 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy