|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Clàr-gnothaich ùr Comhairle na Gàidhealtachd
|
||||||||||||||||||||||
Dh'fhoillsich co-bhanntachd riaghlaidh ùr Chomhairle na Gàidhealtachd na tha iad a' cur romhpa a dhèanamh anns an ath cheithir
bliadhna.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh sgìre na Gàidhealtachd a chur air thoiseach air sgìre sam bith eile san Roinn Eòrpa. Thug iad rabhadh gum bi airgead gann ge-tà, ach gu bheil misneachd aca gum faigh iad air pròiseactan mòra leithid còig dachaighean cùraim ùra a cho-lìonadh. Bidh iad cuideachd ag amas air tuilleadh cuideim a chur air gnothaichean na h-àrainneachd. "Tha mi a' smaointinn gur e sin aon cheàrnaidh far a bheil an clàr seo nas làidire na bha an clàr ron uair seo," thuirt an Comh. Ailig Greumach. "Tha mi cinnteach gur e fear de na rudan a thathas ag iarraidh gearradh sìos air na tha a' dol dhan òcrach agus rudan den t-seòrsa sin, ach cuideachd tha mi a' smaoinntinn 's ma dh'fhaoidte beagan a bharrachd den chumhachd ath-nuadhachail a chleachdadh air a' Ghàidhealtachd.
Chaidh draghan a thogail gun deadh cosgaisean nan còig dachaighean cùraim gu math fada nas àirde na an £21m ris an robhas an dùil bho chionn dà bhliadhna. "Cha chuireadh e iongnadh sam bith air duine sam bith gum b' ann suas a bha na cosgaisean an dèidh dhol. "Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math follaiseach dhomhsa gu bheil cha-mhòr a h-uile neach anns a' cho-bhanntachd ùir air cùlaibh a' cho-dhùnaidh gum feumar na còig dachaighean cùraim seo a thogail," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||