BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 13 An Lùnastal, 2008 - Air fhoillseachadh aig 10:02 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Tòisichidh an t-sianal ùr air 19mh den t-Sultain
 
Suaicheantas an t-sianail ùir
Tòisichidh an t-seirbheis air 19mh den t-Sultain
Tha dearbhadh ann a-nis gun tòisich an t-sianal ùr didseatach Gàidhlig air an 19mh den ath-mhìos.

Bidh e air a ruith mar chom-pàirteachas eadar am BBC agus a' bhuidheann MG Alba a tha a' làimhseachadh airgead craolaidh na Gàidhlig.

Bidh an t-sianal ùr "BBC Alba" ri fhaighinn air saideil agus càbal air feadh Bhreatainn, 's chìthear na prògraman cuideachd air coimpiutair leis a' bhann-leathann.

"'S i co-bhanntachd eadar dà bhuidheann a tha seo, agus ann an craoladh ann am Breatainn cha do thachair a leithid," thuirt Cathraiche MG Alba, Alasdair Moireasdan.

Toiseach-tòiseachaidh

"Bha cùisean rud beag mall, tha mi a' creidsinn gu bheil iomadach duine a chanadh sin, ach 's e an rud a-nis gu bheil an t-seirbheis a' tòiseachadh.

"'S ann a' coimhead ri leudachadh na seirbheis a bhitheas sinn," thuirt e.

"'S e an t-seòrsa seirbheis air a bheil sinn ag amas airson telebhisein, gum bi farsainneachd chuspair ann, gu bheil rud ann a tha a' riarachadh 's a' sàsachadh iarrtasan cloinne, daoine aig a bheil ùidh anns na h-ealain, daoine aig a bheil ùidh ann an spòrs, naidheachdan, agus iomadach gnè phrògraim.

"Mar sin, ged a tha an t-seirbheis a' tòiseachadh, chan eil ann ach toiseach-tòiseachaidh, agus bidh sinn a' beachdachadh agus a' bruidhinn ri riaghaltas an dà chuid ann an Riaghaltas Bhreatainn agus Riaghaltas na h-Alba airson barrachd airgid," thuirt e.

 Tha Urras a' BhBC air a ràdh gu bheil iad air aonta ann am prionnsabal a thoirt seachad dhan t-seirbheis a bhith air Freeview, ach gun dèan iad rannsachadh an ceann dà bhliadhna mus atharraich a' mhòr-chuid de dh'Alba gu seirbheis dhidseataich ann an 2010
 
Màiread Màiri Mhoireach

Tha Ceannard na Seirbheis Didseataich Gàidhlig, Màiread Màiri Mhoireach, ag ràdh gu bheil dòchas ann gum faighear an t-sianal air Freeview fhathast.

"Tha mi an dòchas gur i seirbheis a bhios innte a bheir barrachd fharsainneachd dha na Gàidheil.

"Bidh clàr làitheil de phrògraman a' dol a-mach, a' tòiseachadh aig 5f agus a' ruith gu anmoch air an oidhche. 'S e rud ùr a bhios an sin a thaobh craolaidh Ghàidhlig.

"Tha sinn an dòchas cuideachd gur i seirbheis a bhios innte a thàlas daoine bho air feadh na h-Alba gus barrachd luach a chur anns a' Ghàidhlig agus barrachd ùidhe a nochdadh innte - agus 's dòcha an toirt dhan ath-cheum, an cànan againn ionnsachadh.

"Cha bhith an t-seirbheis ùr a tha seo ri faotainn ach a-mhàin air saideil agus air càbal, ach bidh prògraman Gàidhlig a' leantainn air BBC 2, an dà chuid a h-uile madainn prògraman cloinne, agus an clàr àbhaisteach feasgar Diardaoin.

"Tha Urras a' BhBC air a ràdh gu bheil iad air aonta ann am prionnsabal a thoirt seachad dhan t-seirbheis a bhith air Freeview, ach gun dèan iad rannsachadh an ceann dà bhliadhna mus atharraich a' mhòr-chuid de dh'Alba gu seirbheis dhidseataich ann an 2010," thuirt i.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Seachdnar ùr do Bhòrd SMG
16 An Giblean, 2008 | Naidheachdan
Dràma a dhìth air an t-seirbheis dhidseataich
09 An Giblean, 2008 | Naidheachdan
Ministear a' dèanamh fiughair ris an t-sianail ùr
04 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Cathraiche ùr do MG Alba
09 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Trod poileataigeach mu chathraiche ùr MG Alba
10 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy