03 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 12:40 BST
Thèid planaichean gnìomhachais an cur an clò airson Faclair na Gàidhlig.
Thathas ag amas air faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a tha aig an aon ìre 's a tha faclairean a tha ri fhaotainn ann am Beurla, leithid an Oxford English Dictionary, agus an Scottish National Dictionary.
Innte, thathas an dòchas cunntas a thuirt seachad air eachdraidh agus cultar na Gàidhlig agus nan Gàidheal, suas chun an là an-diugh a tha a' ceangal a-steach do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.
An sàs sa phròiseact, tha ceithir oilthighean - Glaschu, Obar Deathainn, Dùn Èideann agus Strath Chluaidh, a bharrachd air colaiste Gàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig.
Tha dòchas gun tèid am pròiseact fhoillseachadh air an eadar-lìon cuideachd.
"Fìor Cudromach"
Mhìnich fear-gairm na buidhne stiùiridh, Boyd Robasdan, gu bheil na planaichean seo mar phàirt den treas ìre uallachaidh den phròiseact.
"'S e pròiseact mòr mòr a tha seo a sheasas mòran bhliadhnaichean agus 's e plana a tha seo airson 10 bliadhna."
An cois na planaichean a thèid fhoillseachadh Diardaoin aig Sabhal Mòr Ostaig le Ministear a' Chultair, Linda Fabiani, tha teachdaireachd ann gu feumar barantas gum bi airgead gu leòr ann.
Gu h-iomalan thar na 10 bliadhna, tha dùil gu feumar mu £4m airson a' phròiseact a thoirt gu buill.
"Ged bu shaoileadh cuid gur e suim mòr a tha sin," thuirt Mgr Robasdan a tha cuideachd a' leughadh Gàidhlig aig Oilthigh Strath Chluaidh.
"Chan eil e ach beag an taca ri na tha dùthchannan eile a' cosg air faclairean eachdraidheil den t-seòrsa seo."
Taic an Raighaltais
"Tha dùtchannan agus Rìoghachdan eile ga fhaicinn mar rud fìor chudromach, pròiseactan mar seo a bhith aca, agus tha sinn fhèin ann an Alba - a chànan Albais, tha a leithid seo aca mar thà agus tha an làn àm ann gum biodh faclair eachdraidheil ann airson na Gàidhlig cuideachd."
Tha an Riaghaltas air a bhith a' cur an taic ris a' phròiseact - thugar maoin seachad airson a bhith ag uallachadh air a son mar thà, agus tha a' bhuidheann dòchasach gum faighear an taic a tha a dhìth.
"Tha am Prìomh Mhinistear fhèin air ùidh a nochdadh anns a' phròiseact nuair a dh'fhosgail e ionad Fàs aig Sabhal Mòr Ostaig, bho chionn goirid, agus tha sinn cuideachd air airgead a chruinneachadh bho Bhòrd na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean" thuirt Mgr Robasdan.
Mhìnich e cuideachd gu bheilear air a bhith a' faighinn taic mhaoin bho Urrasan leithid Urras Charnegie, agus Leverhume.
An dràsta, tha dithis ag obair air a phròisect, agus an dùil gun tèid barrachd luchd-obrach fhastadh thar nam bliadhnaichean.