BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 23 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 12:29 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
CD ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
 
Faclairean 'Teach Yourself Gaelic'
Tha 'Teach Yourself Gaelic' mar thà air faclairean a chur a-mach
Thèid CD ùr fhoillseachadh Dihaoine do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Tha an clàradh seo air tighinn bhon t-sreath ainmeil 'Teach Yourself Gaelic.'

Ach, tha an goireas ùr a' cleachdadh dòigh ionnsachaidh eadar dhealaichte.

'S e Teach Yourself Gaelic Conversation a ainm an CD, agus tha e stèidhichte air fuaimneachadh seach a bhith ag iarraidh air luchd-ionnsachaidh mòran leughaidh a dhèanamh.

Mhìnich Gòrdon Wells, a bha an sàs ann a bhith ga dheasachadh, gu bheil trì CDs an cois na goireas - a bharrachd air leabhraichan beaga far am faicear na còmhraidhean air an sgrìobhadh.

"A' teagasg tro èisteachd"

"Rud a tha e a' feuchainn ri dhèanamh dìreach a bhith a' teagasg tro èisteachd" thuirt Mgr Wells.

 Sin an rud as cudromaiche - chanain-sa - gu bheil thu a' cluinntinn na Gàidhlig agus chan eil thu ga leughadh aig an aon àm - tha thu dìreach ag ionnsachadh bho bhith ag èisteachd
 
Gòrdon Wells

"'S urrainn dhut na CDs a chuir air nuair a tha thu sa chàr, no sa chidsean ... gus am bi thu a' cluinntinn na Gàidhlig agus ag èisteachd ris, agus an uairsin a' dol thairis air na structaran agus na sentansan ùra..."

Tha caochladh de chuspairean an cois na goireas - rudan gu math àbhaisteach agus làitheil - leithid a' bhith a' fàs eòlach air daoine, a' bhith a' dol chun na bùithtean agus a' dol a-mach le caraidean.

Ach cuideachd, tha cuspairean a tha a' buntain gu sònraichte ris a' Ghàidhlig cuideachd air am fighe a-steach dhan chùrsa leithid ainmean àite, a bhith a-mach a' coiseachd air a' mhòinteach, agus ceòl, cuireaman-ciùil agus fèisan Ghàidhlig

"Eadar-dhealaichte"

Ach, leis an uimhir de ghoireasan ionnsachaidh ri fhaotainn san là an-diugh, dè feum a tha as an fhear-sa?

Am beachd Mhgr Wells, tha feum air agus e car eadar-dhealaichte.

"Tha thu ag èisteachd ris na stuthan an àite a bhith gan leughadh" thuirt e.

"Sin an rud as cudromaiche - chanain-sa - gu bheil thu a' cluinntinn na Gàidhlig agus chan eil thu ga leughadh aig an aon àm - tha thu a' dìreach ag ionnsachadh bho bhith ag èisteachd ri na CDs"

Tha seo mar phàirt den t-sreath Teach yourself Gaelic anns a bheilear a' coimhead air gràmar agus structar a' chànain agus faclairean Gàidhlig.

Chaidh an t-sreath 'Teach Yourself' a chuir air bhog ann an 1938, an-diugh gheibhear goireasan gus sgilean cànain, eacarsaich, saidheans, agus iomadh rud eile ionnsachadh, agus tha 50 millean neach bho air feadh an t-saoghail gan cleachdadh.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy