BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 15 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 14:58 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Geamaichean a' Phrìomh Lìog air an t-Seirbheis Dhidseataich
 
Suaicheantas An SPL (dealbh bhon SPL)
Bidh na geamaichean ri fhaotainn gach oidhche Shathairne tron t-seusan
Thèid geamaichean ball-coise Prìomh Lìog na h-Alba (SPL) a' chraoladh air an t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig.

Dh'aontaich coinneamh bhliadhnail an SPL, Dimàirt, ri cunnradh a' leigeas leis a' chompanaidh telebhisein neo-eisimeilich, MNE, geamaichean slàn a chraoladh gach oidhche Shathairne.

'S iad geamaichean nach bi ri fhaicinn air na seirbheisean telebhisein aig Setanta no air an t-seirbheis dhidseataich BT Vision, a thèid a chroadhladh mu thrì uairean a thìde as dèidh crìch gach geama thar an ath dhà sheusan.

"S i iomairt inntinneach a tha seo," thuirt Cathraiche an SPL, Lex Gould.

"Am fiosrachadh spòrs as ùire"

"Agus tha sinn an dòchas gun cuidich seo le bhith a' deanamh na seirbheis didseataich Gàidhlig ùir tarraingeach don luchd-amhairc.

 'S e an t-Sianal Didseatach Gàidhlig an dearbh àite far am faighear am fiosrachadh spòrs as ùire
 
Margot NicCuaig
MNE

"Tha a leithid a' cuideachadh ann a bhith a' togail agus a' glèidheadh ùidh san SPL agus anns na sgiobaidhean againn, chan ann dìreach san là an-diugh, ach am measg an ath-ghinealaich de luchd-leantainn na spòrsa," thuirt e.

Rinn Neach-deasachaidh Spòrsa MNE, Margot NicCuaig, gàirdeachas ris an naidheachd ag ràdh:

"'S e an t-Sianal Didseatach Gàidhlig an dearbh àite far am faighear am fiosrachadh spòrs as ùire."

Mhìnich i gum biodh MNE a' toirt seachad measgachadh de spòrs a chaidh a' chlàradh agus spòrs a thèid a chraoladh beò.

"Agus tha sinn air leth toilichte gu bheil Prìomh Lìog na h-Alba aig ceann ar prògraman spòrsa," thuirt i.

Thuirt i cuideachd gun tèid brath a-mach anns na beagan sheachdainnean ri thighinn ag innse mun spòrs eile a bhios ri fhaotainn air an t-seirbheis ùir.

Nam measg "bu chòir a bhith an dùil ri agallamh le prìomh luchd-spòrs nach fhaighear an àite eile."

Tòisichidh an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig anns an t-Sultain, agus thèid a ruith ann an com-pàirteachas eadar am BBC agus MG Alba.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Trod poileataigeach mu chathraiche ùr MG Alba
10 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Seachdnar ùr do Bhòrd SMG
16 An Giblean, 2008 | Naidheachdan
Dràma a dhìth air an t-seirbheis dhidseataich
09 An Giblean, 2008 | Naidheachdan
Aonta mun t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig
28 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy