BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 03 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 12:40 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
An ath cheum do "Faclair na Gàidhlig"
 
Leabhraichean Gàidhlig
Bheir am faclair cunntas seachad air eachraidh is cultar na Gàidhlig
Thèid planaichean gnìomhachais an cur an clò airson Faclair na Gàidhlig.

Thathas ag amas air faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a tha aig an aon ìre 's a tha faclairean a tha ri fhaotainn ann am Beurla, leithid an Oxford English Dictionary, agus an Scottish National Dictionary.

Innte, thathas an dòchas cunntas a thuirt seachad air eachdraidh agus cultar na Gàidhlig agus nan Gàidheal, suas chun an là an-diugh a tha a' ceangal a-steach do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

An sàs sa phròiseact, tha ceithir oilthighean - Glaschu, Obar Deathainn, Dùn Èideann agus Strath Chluaidh, a bharrachd air colaiste Gàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig.

Tha dòchas gun tèid am pròiseact fhoillseachadh air an eadar-lìon cuideachd.

"Fìor Cudromach"

Mhìnich fear-gairm na buidhne stiùiridh, Boyd Robasdan, gu bheil na planaichean seo mar phàirt den treas ìre uallachaidh den phròiseact.

 Tha dùtchannan agus Rìoghachdan eile ga fhaicinn mar rud fìor chudromach, pròiseactan mar seo a bhith aca...tha an làn àm ann gum biodh faclair eachdraidheil ann airson na Gàidhlig
 
Boyd Robasdan
Buidheann Stiùirdh Faclair na Gàidhig

"'S e pròiseact mòr mòr a tha seo a sheasas mòran bhliadhnaichean agus 's e plana a tha seo airson 10 bliadhna."

An cois na planaichean a thèid fhoillseachadh Diardaoin aig Sabhal Mòr Ostaig le Ministear a' Chultair, Linda Fabiani, tha teachdaireachd ann gu feumar barantas gum bi airgead gu leòr ann.

Gu h-iomalan thar na 10 bliadhna, tha dùil gu feumar mu £4m airson a' phròiseact a thoirt gu buill.

"Ged bu shaoileadh cuid gur e suim mòr a tha sin," thuirt Mgr Robasdan a tha cuideachd a' leughadh Gàidhlig aig Oilthigh Strath Chluaidh.

"Chan eil e ach beag an taca ri na tha dùthchannan eile a' cosg air faclairean eachdraidheil den t-seòrsa seo."

Taic an Raighaltais

"Tha dùtchannan agus Rìoghachdan eile ga fhaicinn mar rud fìor chudromach, pròiseactan mar seo a bhith aca, agus tha sinn fhèin ann an Alba - a chànan Albais, tha a leithid seo aca mar thà agus tha an làn àm ann gum biodh faclair eachdraidheil ann airson na Gàidhlig cuideachd."

Tha an Riaghaltas air a bhith a' cur an taic ris a' phròiseact - thugar maoin seachad airson a bhith ag uallachadh air a son mar thà, agus tha a' bhuidheann dòchasach gum faighear an taic a tha a dhìth.

"Tha am Prìomh Mhinistear fhèin air ùidh a nochdadh anns a' phròiseact nuair a dh'fhosgail e ionad Fàs aig Sabhal Mòr Ostaig, bho chionn goirid, agus tha sinn cuideachd air airgead a chruinneachadh bho Bhòrd na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean" thuirt Mgr Robasdan.

Mhìnich e cuideachd gu bheilear air a bhith a' faighinn taic mhaoin bho Urrasan leithid Urras Charnegie, agus Leverhume.

An dràsta, tha dithis ag obair air a phròisect, agus an dùil gun tèid barrachd luchd-obrach fhastadh thar nam bliadhnaichean.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy