|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cŕnain
|
Gŕidhlig air lčintean rugbaidh na h-Alba
|
||||||||||||||||||||||
Dhearbh Aonadh Rugbaidh na h-Alba gu bheil iad a' beachdachadh air iarrtas airson am facal - ALBA - a chur air lčintean sgioba rugbaidh na důthcha.
Nochd an t-iarrtas an toiseach air athchuinge air an eadar-lěon a chaidh a chur air dňigh leis An Lěog Ceilteach. Tha seo a' leantainn iomairt soirbheachail a bh'ann sa Chuimrigh gus CYMRU fhaighinn air na lčintean Rugbaidh acasan. Agus cuideachd iomairt soirbheachail eile a bh'ann ann an 2006 gus Alba faighinn air lčintean sgioba ball-coise na důthcha - ged tha cuid fhathast ag iomairt gus am facal a chur air aghaidh na leine seach air a cůl. Ěomhaigh na Gŕidhlig Tha cuid a' creidsinn gun toir seo spionnadh do dh'ěomhaigh na Gŕidhlig: "Tha an t-uabhas daoine a' coimhead nuair a bhios na gčamachan mňr rugbaidh ann, tha an t-uabhas a' coimhead air an telebhisean agus nam faiceadh iad am facal ALBA ann a shin, mura robh fios aca dč th'ann, bhiodh iad airson faighinn a-mach" thuirt fear de luchd-leanntainn sgioba na h-Alba, Dňmhnall Mac a' Ghobhainn. Mar sin, the mi a' smaoineachadh gun cuireadh an ěomhaigh a' Ghŕidhlig air adhart glč mhath." Mhěnich e cuideachd gu bheil e a' creidsinn seach gu bheil uimhir den luchd-leanntainn a' cur orra an fhčilleadh agus an lčine aig na geamannan gum biodh iad ag iarraidh ALBA air na lčintean.
Ged nach eile an athchuinge air a bhith air loidhne, ach bho chionn ghoirid, tha gu leňr air an ainm a chur ris - nam measg Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghŕidhealaich, Iain MacLeňid. Na bheachd-san, leis gu bheil ainmean bhuidhnean tric a' nochdadh air na lčintean rugbaidh, a' comharrachadh an taic a tha aca do sgioba nŕiseanta, gum biodh e iomchaigh nam biodh ALBA a' nochdadh air cuideachd: "Bhiodh e glč mhath nam biodh an aon rud fěor mu dheidhinn an fhacal Alba, agus gum biodh e air a chomharrachadh air na lčintean sin agus a' toirt ěomhaigh na Gŕidhlig gu aire sluaigh 's dňcha nach biodh ga fhaicinn mura biodh sin. "Aire an t-sluaigh" "Gu sňnraichte nuair a bhios e air an telebhisean agus ga chraoladh air feadh an t-saoghail agus tighinn a-steach do dhachaighean ann an Alba agus ŕiteannan eile. "'S e ceum math a tha ann airson a' Ghŕidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh" Ann am brath-sgrěobhte, thuirt Aonadh Rugbaidh na h-Alba gu bheil an lčine nŕiseanta gu math cudromach dhaibh agus gu feumar a bhith faiceallach a thaobh a bhith a' toirt atharrachadh sam bith oirre. Ach, thuirt iad gu bheil iad mothachail gu bheil iarrtas ann ALBA a chur air an lčine, agus gu bheil iad an-drŕsta a' beachdachadh air a' chůis. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lŕraichean-lěn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||