BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 23 An t-Ògmhios, 2008 - Air fhoillseachadh aig 11:44 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 23. an t-Ògmhios 2008
 

Zimbabwe

Tha dùthchannan Afracanach air leigeil fhaicinn gu bheil iad draghail mu thaghadh a' chinn suidhe ann an Zimbabwe an dèidh do Mhorgan Tsvangirai tarraing a-mach as an rèis, is an luchd-taic aige air aimhreit fhulang. Thuirt Aonadh Afraga gu bheil iomagain orra mu na tha a' tachairt agus gum bi deasbad am measg nam ball air dè an ath cheum a ghabhas iad.

Stailc HIAL

Tha dùil gun toir stailc nan smàladairean aig puirt-adhar a' chinn a' tuath sna h-eileanan buaidh air mu dhà mhìle neach-siubhail an-diugh. Tha a h-uile port aig Companaidh Port Adhar na Gaidhealtachd snan Eilean, HIAL, dùinte ach a mhàin dhà, agus an luchd-smàlaidh mi thoilichte mun àrdachadh pàighidh a bhathas a' tairgse dhaibh. Thuirt HIAL gun do choisich na smàladairean air falbh bho chòmhraidhean, ach thuirt an t-Aonadh Unite nach eil sin idir fìor agus gun cum iad orra a strì son barrachd na an dà as a' cheud a chaidh a thabhann dhaibh.

Solway Harvester

Tha am fear aig an robh an Solway Harvester, Richard Gidney air nochdadh ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Kircudbright son fianais a thoirt sa rannsachadh mu mar a chaidh am bàta fodha. Tha an sgrùdadh a' gabhail àite ann an Alba an dèidh do Mhgr Gidney diùltadh fianais a thoirt sa sgrùdadh ann an Eilean Mhanainn.

Aiseag Sibuyan

Tha dùil gum feuch daibhearan ri toll a dhèanamh ann an cliathaich an aiseig a chur car ann an stoirm mhòr sna Philippines 'is dòchas ann gum faodadh iad lorg fhaighinn air daoine fhathast beò. Gu ruige seo, cha d' fhuairear ach trì duine deug thar fhichead a-mach à corr is ochd ceud a bha air bòrd. Dh' fhailich na h- einnseanan air a' bhàta faisg air Eilean Sibuyan, san droch thìde.

Iasgairean

Tha riochdairean iasgairean sa Ghaidhealtachd sna h-Eileanan ann an Luxemburg an-diugh 's iad a sireadh tuilleadh thaic. Tha iad a' cur ìmpidh air Comhairle Mhinistearan na h-Eòrpa tuilleadh taic a thoirt dhaibh gun a bhith ag iarraidh orra barrachd bhàtaichean a thoirt a-mach às a ghniomhachas. Tha iad cuideachd ag iarraidh air Ministear Bhreatain an aon seòrsa taic a thoirt dhaibh sa tha iasgairean san Fhraing sa Spàinn a' faighinn.

Leumadair

Thuirt lighiche sprèidh a tha air a bhith a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air leumadair-mara ann an Abhainn Chluaidh ann an Glaschu nach eil cus cothrom aig a' bheathach faighinn às beò. Mar as tric tha an seòrsa leumadair seo ri fhaighinn sa Chuan Siar. Ach, thuirt Pàdraig Pollock nach eil an leamadair ann an staid ro mhath le gearradh mòr os cionn tè dha shùilean.

Spòrs

Agus tha farpais Wimbledon a' tòiseachadh as ùr feasgar an-diugh - agus 's iad Roger Federer agus Maria Sharapova a thathas a' dèanamh dheth as coltaiche a dh' fhaodadh buannachadh. Ma nì Federer a' chùis seo an t-siathamh tiotal aige sreath a chèile. Bidh e a' cluich Dominik Hrbaty aig uair.

Cuideachd a' cluich an-duigh bidh Novak Djokovic - Ana Ivanovic - agus Elena Baltacha -a bhios a' cluich an aghaidh Angelique Kerber às a Ghearmailt.

Cluichidh Anndra Moireach a-màireach.

An t-side

Latha tioram agus soilleir air feadh na dùthcha le greisean grèine. Frasan uisge air feadh a chinn a tuath, cuid dhiubh gu math trom agus a' sgapadh gu sgìrean eil tron latha.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy