|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Companaidh àrach èisg air cha mhòr £1m a chall
|
||||||||||||||||||||||
Tha a' chompanaidh aig a bheil tuathanasan èisg agus ionadan giollachd anns na h-Eileanan Siar agus an Earra Ghàidheal, air
innse gun do chaill iad faisg air £1m anns a' chiad chairteal dhen bhliadhna.
Choisinn Lighthouse Caledonia còrr is £13m sa chiad chairteal - suas còrr is £1.5m air na rinn iad an àm seo an-uiridh, ach cha do rinn a' bhuidheann cho math 's a bha iad dùil. Thuirt iad nach eil iad air na h-uimhir de bhradain a ghiollachd 's a bha iad an dùil am bliadhna ri linn droch aimsir agus duiligheadasan air a bhith aca le miolan mara ann an Loch an Ròg ann an Leòdhas. Prìsean A bharrachd air sin, tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil prìs a' bhradain air a bhith na b'ìsle agus chan eil an t-iasg air a bhith a' fàs cho math air feadh Alba. Bha sin a' fàgail nach robh e deiseal airson a' mhargaidh tràth gu leòr agus chan iad an aon chompanaidh a tha air a bhith a' gearran mun an seo. Cuideachd bha cosgaisean aca an lùib a bhith ag atharrachadh a' chompanaidh bho bhun gu bàrr agus iad air a bhith a' toirt trì chompanaidhean còmhla mar aon. Ach a dh'aindeoin 's gu bheil iad air 70 dhen luchd-obrach aca a phàigheadh dheth, tha iad fhathast ag ràdh gu bheil cùisean a' coimhead gealltanach dhaibh. Tha iad an-dràsta ag obair gus cuidhteas fhaighinn de na miolan ann an Loch an Ròg agus cuideachd tha iad a' coimhead ri margaidh
a' bhradain agus a' bruidhinn ri luchd-ceannach mu iarrtas, agus tha a h-uile dùil aca 30,000 tunna de bhradain àrach an ceann
dà bhliadhna. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Lighthouse Caledonia a' leudachadh08 An Gearran, 2008 | Naidheachdan
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||