|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Cròileagan District of Columbia
|
||||||||||||||||||||||
'S tric san là a th' ann a gheibhear iongnadh ann an saoghal na Gàidhlig.
A dh'aindeoin gu bheil mòran dhaoine de dh'iomadh sheòrsa ag ionnsachadh a' chànain, 's dòcha gu bheil sinn ann an Alba fhathast buailteach air a bhith ga faicinn mar rud a bhuinneas dhan Ghàidhealtachd no dha na h-Eileanan a-mhàin. Co-dhiù an e rud math a tha sin gus nach e, tha a' Ghàidhlig ga labhairt, aig diofar ìrean, air feadh an t-saoghail. Dà thuras sa mhìos, ann an Washington DC, prìomh-bhaile nan Stàitean Aonaichte, thig clann òg agus am pàrantan còmhla airson gheamanan, òrain, agus sgeulachdan anns a' Ghàidhlig. Adhartas Tha sin air a bhith a' tachairt fad bliadhna a-nis, agus mar a mhìnich am fear a tha os a chionn, Liam Ó Chasaide, 's ann a tha e a' dol bho neart gu neart. "Thòisich e le càraid à Glaschu an-uiridh. "Fhuair iad m'àireamh, agus bha iad ag iarraidh tìdsear airson na cloinne aca. "Bha triùir aca, agus bha iad airson Gàidhlig a chumail ris a' chloinn. "Bha tè de na pàistean, Aoife, ann an cròileagan ann an Glaschu, agus bha eagal orra gun cailleadh i a cuid Gàidhlig fhad 's a bhiodh i sna Stàitean Aonaichte. "Bha mise eòlach air càraid eile, Aimeireaganaich a bh' annta, agus bha iad a' teagasg Gàidhlig dhan chloinn cuideachd. "Bha mi a' smaoineachadh 'bu chòir dhuinn tighinn ri chèile agus chì sinn dè seòrsa còmhlain a bhiodh againn.' "Sin tòiseachadh Cròileagain DC," thuirt e. Bidh a' bhuidheann a' tighinn ri chèile fad dà uair a thìde sa mhìos, gus faclan is abairtean sìmplidh ionnsachadh dhan chloinn, tro chleasan, agus rudan spòrsail.
Bu mhath le Liam gun tigeadh iad còmhla na bu thrice, ach chan eil cùisean cho sìmplidh. "Bu thoil leam sin a dhèanamh, ach tha e gu math doirbh. "Bidh na pàrantan an-dràsta a' tighinn ri chèile nas trice tha mi a' creidsinn, agus 's dòcha gum biodh sin na b'fheàrr dha na pàistean. "Ach tha e gu math doirbh dhuinn, dìreach air sgàth 's gu bheil sinn uile ag obair. "Tha mi toilichte ri ràdh gu bheil a' chlann a' dèanamh adhartais, cho fad 's a bhios mi a' bruidhinn Gàidhlig riutha, tha iad gam fhreagart ann an Gàidhlig an-dràsta - ged a bha iad gu math diùid nuair a thòisich sinn," thuirt e. As dèidh dha a dhèanamh fad bliadhna, tha Liam dòchasach mun àm ri teachd. "'S dòcha gun tèid fear de na teaghlaichean againn air ais a dh'Alba an ath-bhliadhna. Chan eil sinn cinnteach ach 's e sin am plana. "'S dòcha gun tèid sinn air adhart leis an teaghlach eile a th' againn an seo, agus 's dòcha gun tig teaghlach eile dhan chlas cuideachd, chan eil fhios agam. "Chan eil mòran dhaoine, tha mi duilich ri ràdh, ag ionnsachadh Gàidhlig le cloinn an seo. "Ach ma bhios ùidh aig duine sam bith ann an Washington, timcheall Washington ann am Virginia, agus Maryland, tha sinn deònach gu leòr a bhith ag obair còmhla riutha, agus airson 's gum bi iad pàirteach anns a' chròileagan againn," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||