BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 11 An Giblean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 11:54 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Togalach ùr ga fhosgladh aig Sabhal Mòr Ostaig
 
Togalach Fàs (Dealbh le Fred Silver)
'S e ionad airson gnìomhachasan cruthachail is cultarach a th' ann am Fàs
Chaidh togalach ùr aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach fhosgladh leis a' Phriomh Mhinistear, Ailig Salmond, Dihaoine.

Chosg an t-ionad airson gnìomhachasan cruthachail is cultarach air a bheil an t-ainm Fàs £8m.

A' fosgladh an togalaich rinn Mghr Salmond moladh mòr air 's e ag ràdh gur e fìor dheagh àrainneachd a th' ann airson obair chruthachail.

Tha stiùideothan telebhisein agus rèidio, seòmraichean co-labhairt, goireasan ciùil agus ealain, agus an sgoil-àraich Ghàidhlig Fàs Mòr uile an cois an ionaid.

Bidh neach-ciuil, sgrìobhadair agus neach-ealain na Colaiste, a bharrachd air gnìomhachasan Gàidhlig eile leithid Cànan, cuideachd stèidhichte san togalach.

"Brosnachail"

“Tha fosgladh Fàs a' comharrachadh na h-ath cheum air turas brosnachail ùr do Shabhal Mòr agus don Ghàidhlig" thuirt Stiùiriche na Colaiste, An t-Ollamh Tormod MacGilliosa.

"'S e àm brosnachail is dùbhlanach a tha seo ann an eachdraidh na Gàidhlig, agus Sianal Didseatach Gàidhlig an impis tòiseachadh, agus tha sinn làn dòchais gun cuir Fàs gu mòr ri roinn nam meadhanan ùra."

Bha Riaghaltas na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), a measg nam buidhnean a mhaoinich am pròiseact.

 Tha fosgladh Fàs a' comharrachadh na h-ath cheum air turas brosnachail ùr do Shabhal Mòr agus don Ghàidhlig
 
An t-Oll. Tormod MacGilliosa

Thuirt Cathraiche HIE, Uilleam Roe, gun tug e toileachas dhaibh a bhith a' toirt taic do "phròiseact a tha cho deatamach dhan Eilean Sgitheanach, an dà chuid a thaobh cultair is eaconamaidh"

Dh'ainmich am Priomh Mhinistear cuideachd gun deadh £260,000 de thaic iomhais a bharrachd a thoirt don ionad.

Thèid £200,000 dheth a chosg air tèicneòlas son telebhisean didsiteach a chruthachadh a cheannach.

Bithear a' cosg an £60,000 eile air faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dràma a dhìth air an t-seirbheis dhidseataich
09 An Giblean, 2008 | Naidheachdan
Stiùiriche SMO a' leigeal dheth a dhreuchd
29 An Gearran, 2008 | Naidheachdan
Duais-airgid don t-Sabhal Mhòr
25 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan
Leasachadh mòr san amharc do dh'fhoghlam Ghàidhlig
20 An Dùbhlachd, 2007 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy