BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 24 Am Màrt, 2008 - Air fhoillseachadh aig 11:55 GMT
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Sreath Ùr de 'Ghuthan nan Eilean' san amharc
 
Uibhist a Deas (dealbh le Undiscovered Scotland)
Thug cuid de bhidiothan sreath a h-aon sùil air beatha ann an Uibhist
Tha Sabhal Mor Ostaig agus a' buidhean trèanaidh Cothrom ag amas air sreath ùr de bhidiothan de 'Ghuthan nan Eilean' a chlàradh.

Nochd a' chiad sreath de mu 40 bhidiothan dà-chànanach (Gàidhlig agus Beurla), a bhuannaich duais Eòprach airson Cànain, a tha a' toirt blasad de bheatha agus obair anns na h-eileanan san là an-diugh, an asgaidh air làrach-lìn "POOLS of digital Language."

Bha seo mar phàirt de phròiseact Eòrpach air an robh "Leonardo POOLS project" a bha a' cruthachadh stuthan airson cànain ionnsachadh - nam measg Gàidhlig, Spàintis agus cànan nam Basgach.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Gòrdan Wells a tha an sàs ann an 'Guthan nan Eilean' gu bheil na bhidiothan ag amas air luchd-ionnsachaidh.

"Cànan Nàdarrach"

Mhìnich Mgr Wells gun d'rinnear na bhidiothan aig dà ìre - aithirsean gòirid - ann an cànan a thuigeas luchd-ionnsachaidh - agus agallamhan le na bha an sàs anns na bhidiothan.

Annta sin, gheibhear blasad de dhiofar dhual-chainntean.

"'S e cothrom a tha ann do luchd-ionnsachaidh cànan nàdarrach a chluinntinn an àite dìreach cànan sìmplidh a chleachdas tu ann an seòmar teagaisg mar gum biodh," thuirt Mgr Wells.

Thathas cuideachd an dòchas gun cleachd luchd-teagaisg na bhidiothan mar stùthan-teagaisg.

"Tha sinn an dòchas cuideachd gum bi iad gu feum do luchd-teagaisg - ma tha iad airson leasanan ùra a leasachadh mar gum biodh agus tha iad a' coimhead airson stuthan teagaisg - faodaidh iad an cleachdadh saor 's an asgaidh" thuirt Mgr Wells.

A thaobh cuspair nam bhidiothan - faodaidh iad a bhith stèidhichte air cuspair sam bith co-cheangailte ri obair no beatha nan eilean san là an-diugh.

 'S e cothrom a tha ann do luchd-ionnsachaidh cànan nàdarrach a chluinntinn an àite dìreach cànan sìmplidh
 
Gordon Wells

Am measg nan cuspairean anns a'chiad sreath, bha cùram do dhaoine le feumlachdan sònraichte, ceòl agus na h-ealain ann an Uibhist - a' toirt a-steach an fhèis chiùil "Ceòlas", agus a' làimhseachadh agus a' deasachadh bìdh ann an taigh-smocaidh, agus thathas a-nise airson beachdan mu chuspairean airson an ath shreath.

"Tha sinn a' coimhead airson beachdan ùra agus daoine ùra a tha airson a bhith an sàs sa phròiseact agus aig a bheil beachd sònraichte.

Gu h-àraid anns an dàrna sreath bhiodh ùidh againn ann an cuspairean co-cheangailte ris an àrainneachd."

Tha an t-sreath as ùire de bhidiothan a' faicinn taic bho Righaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy