BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 29 An Gearran, 2008 - Air fhoillseachadh aig 09:44 GMT
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Taic Bhòrd na Gàidhlig ga sireadh airson sgoile
 
Sgoil Staoinebrig
Tha pàrantan a' strì an aghaidh co-dhùnaidhean na Comhairle
Thèid pàrantan ann an Uibhist a Deas a tha a' strì airson Bun-Sgoil Staoinebrig a chumail fosgailte a dh'iarraidh taic air Bòrd na Gàidhlig.

'S ann tro mheadhan na Gàidhlig a tha a' chlann san sgoil air fad a' faighinn teagaisg.

Tha Sgoil Staoinebrig air tè de cheithear bhun-sgoiltean anns na h-Eileanan Siar a th' ann an cunnart dùnadh.

Chaidh coinneamh a chumail an-raoir airson strì a thòiseachadh gus an sgoil a ghlèidheadh.

Foghlam Gàidhlig

Aig a' choinneimh sin, chuir Comhairliche Uibhist is Bharraigh, Dòmhnall Manford, taic ris an iomairt.

A rèir Chathraiche Comhairle nam Pàrant san sgoil, Dòmhnall MacÌosaig, 's e tàmailt a bhiodh ann nan dùnadh an sgoil:

 Tha a' chlann a' bruidhinn na Gàidhlig san sgoil, tha iad a' bruidhinn na Gàidhlig nuair a tha iad san dachaigh aca a-staigh, agus leis an sgoil a dhùnadh, chan eil e a' dol a bhith ro mhath sam bith
 
Dòmhnall MacÌosaig

"An aon rud a thàinig às a' choinneimh an-raoir, 's e nach eil gin de na pàrantan toilichte gu bheil a' Chomhairle a' bruidhinn air an aon sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar a dhùnadh.

"Tha dùil againn gum bruidhinn sinn ri Bòrd na Gàidhlig airson cuideam a chur air a' Chomhairle ach an cumar an sgoil seo fosgailte.

"'S i an aon sgoil Ghàidhlig a th' anns na h-Eileanan an Iar an-dràsta.

"Tha a' chlann a' bruidhinn na Gàidhlig san sgoil, tha iad a' bruidhinn na Gàidhlig nuair a tha iad san dachaigh aca a-staigh, agus leis an sgoil a dhùnadh, chan eil e a' dol a bhith ro mhath sam bith," thuirt e.

Cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain a chaidh gun deadh dà àrd-sgoil dà bhliadhna anns na h-Eileanan a dhùnadh.

Tha pàrantan Àrd-Sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas agus Àrd-Sgoil Phabail san Rubha, Leòdhas, a' strì an aghaidh nan co-dhùnaidhean sin.

Tha pàrantan Phabail an dùil a dhol a choiteachadh Rùnaire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop mun ghnothach.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, gheall Cathraiche Comhairle nam Pàrant aig Àrd-Sgoil Phabail, Iain Don MacÌomhair, gun lean iad orra a' sabaid gus an dùin an doras mu dheireadh orra.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy