BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 29 An Gearran, 2008 - Air fhoillseachadh aig 15:21 GMT
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Stiùiriche SMO a' leigeal dheth a dhreuchd
 
An t-Ollamh Tormod MaGilliosa aig Sabhal Mòr Ostaig (dealbh bho Sabhal Mòr Ostaig)
Tha An t-Ollamh MacGilliosa air a bhith aig a' Cholaiste 25 bliadhna
An dèidh 20 bliadhna san dreuchd, leigidh An t-Ollamh Tormod MacGilliosa, stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, seachad obair.

Rinn An t-Ollamh MacGilliosa soilleir gu bheil e an dùil fàgail ro dheireadh na bliadhna agus chaidh an naidheachd a thoirt do luchd-obrach na colaiste feasgar Diardaoin.

Tha an t-Ollamh MacGilliosa air 25 bliadhna de sheribheis a thoirt seachad don Cholaiste - thòsich e ag obair ann ann an 1983 mar Rùnaire.

"Tha mise moiteil as na chaidh a choileanadh aig an t-Sabhal thar na còig bliadhna fichead a dh'fhalbh." Thuirt e an-dèidh na coinneamh

"Cha d' fhuair mi ach taic bhon luchd-obrach agus Urrasairean na Colaiste." Mhìnich e

 Tha mise moiteil as na chaidh a choileanadh aig an t-Sabhal thar na còig bliadhna fichead a dh'fhalbh
 
An t-Oll. Tormod MacGilliosa

"Tha e na chomhurtachd mhòr dhomh gu bheil mi a' fàgail sgioba cho làidir 's ealanta an sàs ann an obair leasachaidh na Gàidhlig."

"Adhartas ionmholta"

Tha an luchd-obrach na Colaiste a' guidhe soirbheachas don t-Ollamh MacGilliosa.

"Thairis air na 20 bliadhna mu dheireadh, tha Sabhal Mòr Ostaig air adhartas ionmholta a dhèanamh fo an stiùireadh aig Tormod MacGilliosa agus, anns an ùine sin, tha a' Cholaiste air inbhe nàiseanta agus eadar-nàiseanta a chosnadh mar chruinn-ionad airson leasachadh foghlam Gàidhlig agus cultar." Thuirt Ceannard an Fhoghlaim aig a' Cholaiste Iain Tormod MacLeòid

Tòisichidh Urrasairean na Colaiste a-nise air stùiriche ùr a lorg.

A' bruidhinn as leth Urrasairean na Colaiste, thuirt Ruairidh Iain MacLeòid gur robh an t-Oll MacGillios air "cliù agus urram a chosnadh an dà chuid dha fhèin agus dhan a' Cholaiste"

'S e Colaiste Gàidhlig na h-Alba, stèidhichte san Eilean Sgitheanach, a tha ann an Sabhal Mòr Ostaig.

Thathas a' tabhann cùrsaichean aig ìre Dioplòma, Ceum is For-Cheum agus cùrsaichean air astar tro mheadhan na Gàidhlig.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy