|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Lighthouse Caledonia a' leudachadh
|
||||||||||||||||||||||
Tha a' chompanaidh àrach èisg Lighthouse Caledonia an dùil an cuid obrach an Leòdhas a leudachadh.
Cheannaich a' chompanaidh bhradain trì làraichean ann an Loch an Ròg air taobh siar an eilein bhon chompanaidh Outer Hebrides Seafood. Bheir aon de na làraichean cothrom do Chompanaidh Lighthouse Caledonia 1000 tonna a bharrachd de bhradan àrach agus bheir an dà làrach eile cothrom dhaibh 800 tonna eile àrach. Tha a' chompanaidh cuideachd an dòchas an cuid obair ghiollaich a leudachadh ann an Steòrnabhagh. Thathas am beachd taigh-giollach a bha aon uair aig a' chompanaidh Marine Haverst a cheannach. Bhiodh dà thaigh-giollach aca a uairsin an ath dhòras ri chèile. Leudachadh Dhèanadh seo ciall leis gu bheil iad an dùil àireamhan-àraich bhradan anns na h-Eileanan Siar àrdachadh bho faisg 6000 tonna gu cha-mhòr 9000 tonna. Tha iad fhèin a' toirt trì làraichean a bha aca do dh'Outer Hebrides Seafood - companaidh a tha a' coimhead gu mòr ri maorach agus a tha ag obair ann an Loch an Ròg cuideachd. Tha làraichean mar thà aig a' chompanaidh sna h-Eileanan Siar, timcheall air an Eilean Sgitheanach, ann an Loch Aillse agus an Loch Abar. Ge-tà tha a' chompanaidh a' leigeil às làraichean ann an Loch Eireabail ann an Cataibh. A' dh'aindeoin gu bheil iad gu math cudromach - dh'fhaodhadh 800 tonna de bhradain a bhith air an àrach annta - thathas a' cumail a-mach nach bheil na làraichean seo faisg gu leòr air an feadhainn eile. Mar sin bhiodh barrachd bhunnachd dhaibh an leigeil air màl do chompanaidh èisg eile le beachd an reic san àm ri teachd Thuirt a' chompanaidh, a cheannaich Outer Hebrides Seafood aig deireadh na bliadhna seo chaidh, gum bi an gluasad ùr seo nas
fheàrr dhan àrainneachd. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||